Tubaist mhairbhteach an Gallaibh

  • Air fhoillseachadh
Tubaist

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist rathaid mhairbhteach ann an Gallaibh air an deireadh-sheachdain.

Thachair an tubaist air an A836 ann am Baile a' Chaisteil eadar 03.00 is 03.20 madainn Didòmhnaich.

Chaochail fireannach, 30, aig làrach na tubaist.

Bha an duine a' siubhail air motor-baidhseagal Aprilia SX125.

Bha an rathad dùinte fad naoi nuairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn riutha.

Inbhir Nis

Aig an dearbh àm, chaidh boireannach a bh' ann an droch thubaist ann an Inbhir Nis Dihaoine a ghluasad dhan ospadal ann an Obar Dheathain.

Bha am boireannach, 57, a' coiseachd bho Rathad Southside gu Sràid a' Chrùin nuair a bhuail làraidh innte mu 12.45 feasgar Dihaoine.

'S e làraidh Mercedes geal a bh' ann.

Thugadh am boireannach an toiseach gu Ospadal an Rathaig Mhòir mus deach a gluasad a dh'Obar Dheathain.

Thuirt Poileas Alba gun deacha goirteachadh gu dona.

Tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a bh' anns an sgìre aig an àm no a chunnaic an làraidh ro-làimh.