Buaidh RET ga rannsachadh

  • Air fhoillseachadh
Bàta-aiseig

Tha sgrùdadh neo-eisimeileach air sgeama RET nam faraidhean aiseig ag ràdh gu bheil buannachdan mòra ann dha na h-eileanan.

Tha an aithisg, taobh a-muigh ag ràdh gu bheil 25% a bharrachd de mhuinntir nan eilean fhèin a' siubhal air na h-aiseagan.

Agus thuirt 40% de luchd-gnothaich gu bheil iad gu math nas trainge sna h-eileanan anns an do thòisich faraidhean nas saoire ann an 2015.

Lorgadh fianais cuideachd a dhearbh gun deach an seusan turasachd a mheudachadh ann an cuid de dh' eileanan mar thoradh air an sgeama.

Thuirt Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, gur e dearbhadh eile a tha seo air buannachd an sgeama do choimhearsnachdan air a bheil seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall a' frithealadh.

Amasan

Lorg an rannsachadh gun robh an sgeama RET, gu h-ìre mhath, air coileanadh na h-amasan a bh' aig an riaghaltas nuair a chuir iad air dòigh an sgeama.

Tha an ìsleachadh ann am faraidhean air àrdachadh teachd a-steach muinntir nan eilean agus air cuir ris na cothroman obrach agus foghlaim a th' aca.

Ach tha an aithisg cuideachd ag aithneachadh gu bheil buaidh an sgeama air a bhith connspaideach ann an cuid de dhòighean.

Thathas a' toirt seachad molaidhean airson 's mar a rachadh an sgeama a leasachadh.

Thathas ag aithneachadh nach eil an còmhnaidh comasach do mhuinntir nan eilean a bhith siubhail nuair a thogras iad no nuair a dh'fheumas iad.

Tha an rannsachadh a' moladh gum bu chòir sùil a bharrachd a thoirt air na dòighean eadar-dhealaichte dèiligeadh ri ìrean eadar-dhealaichte de dh' iarrtas airson tiocaidean.

Cuideachd dh'aithnich iad gu bheil fàs anns an àireamh de luchd-tàdhail aig amannan na chnap-starra do bhun-structar nan eilean.

Cunntas-beachd

Mar phàirt den rannsachadh rinn iad cunntasan-beachd air bòrd cuid de na seirbheisean-aiseig, a' bruidhinn an dà chuid ri luchd-turais agus iadsan a tha a' fuireachd anns na h-eileanan.

Lorgadh nach robh muinntir nan eilean deònach barrachd a phàigheadh airson a' bhith siubhail aig na h-amannan as trainge ach gun robh luchd-turais deònach.

Lorg iad cuideachd gun robh tòrr ag aontachadh gun robh còrr aig àitichean a bhith dhan cumail fa leth air dec nan càraichean dhaibhsan a tha a' fuireach anns na h-eileanan, aig na h-amannan as trainge.