Aonta nan Eilean ga dhearbhadh

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar

Thèid Aonta nan Eilean a dhearbhadh gu h-oifigeil Diciadain is e a' toirt £100m dha na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn.

Thig £50m bho Riaghaltas na h-Alba is £50m bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Tha dùil gum fosgail an t-aonta cothrom às dèidh sin air £235m eile bho bhuidhnean san roinn phoblaich is an roinn phrìobhaidich.

Chaidh grunn phròiseactan a gheibh taic-airgid fon aonta a chomharrachadh mar-thà.

Nam measg tha ùrachadh aig Colaiste a' Chaisteil an Leòdhas agus leasachadh cumhachd an Steòrnabhagh a chleachdas hàidhdreaidean.

Thathas an dòchas cuideachd Slighe Hiort a stèidheachadh a nì ceangal eadar diofar làraichean anns na h-Eileanan an Iar.

Uaine

Tha an t-aonta ag amas air na sgìrean eileanach a chuideachadh le eaconomaidhean uaine a leasachadh, is fàs a thoirt air roinnean mar thurasachd, biadh is deoch.

Thathas ag amas cuideachd air dèiligeadh ri crìonadh sluaigh.

"Tha sinne mar chomhairle agus na comhairlean eile, tha sinn air a bhith ag obair air pròiseactan thairis air seachd no ochd bliadhnaichean air ais", thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Tha sinn a-nise air an ìre a ruighinn far a bheil na riaghaltasan gach cuid an Dùn Èideann agus an Lunnainn, gu bheil iad leigte leis na pròiseactan a tha sinn a' toirt air adhart.

"Ach aig deireadh an là, feumaidh na pròiseactan a bhith cothromach is feumaidh iad a bhith ciallach is feumaidh iad a bhith air an cur an sàs ann an dòigh a tha èifeachdach dha na coimhearsnachdan", thuirt e.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach cuideachd gu bheilear an dòchas còrr is 1,300 cosnadh a chruthachadh às an aonta anns na trì sgìrean.

Tha dùil gun tèid tagraidhean a chur air adhart a dh'aithghearr is gum bi cothrom air taic-airgid bho 2022.