
Feumaidh an MV Isle of Lewis tillead dhan doc a-rithist.
Tha troimh-chèile air seirbheisean aiseig Bharraigh a' leantainn agus an MV Isle of Lewis feumach air càradh.
Cha robh an t-aiseag ach air ùr thilleadh bhon leasachadh bhliadhnail aice nuair a bhrist i a-rithist.
Tha sreath de thrioblaidean air bualadh air seirbheis Bharraigh bho chionn ghoirid.
Thuirt fear de chomhairlichean an eilein an t-seachdain seo chaidh gur e "cùis-nàire" a tha san t-seirbheis.
Tha Dòmhnall Manford a' cumail a-mach gu bheil eileanaich a' call earbsa innte.
Buaidh
Tha CalMac a-nise ag ràdh gum bi an deireadh-sheachdainn ann mus bi àite ann dhan Isle of Lewis san doc far an tèid a càradh.
Rinn a' chompanaidh grunn atharraichean air na seirbheisean aca air feadh an lìonra gus seirbheis a chumail eadar Barraigh is Tìr-Mòr, rud a tha a' toirt buaidh air coimhearsnachdan eile.
Thabhainn stìuriche ChalMac, Robbie Drummond, leisgeul airson an t-suidheachaidh agus thug e taing do dhaoine 'son an cuid foighidinn.
Gheibhear am fiosrachadh às ùr bho ChalMac an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 Am Màrt 2021

- Air fhoillseachadh9 Am Màrt 2021

- Air fhoillseachadh23 An Gearran 2021
