Fireannach a bhàsaich air ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Thachair an tubaist air a' Phrìomh Shràid ann am Baile a' ChaisteilTùs an deilbh, Google

Chaidh fear-motorbaidhseagail a bhàsaich ann an tubaist air Ghàidhealtachd ainmeachadh.

Thachair an tubaist goirid an dèidh 03:00m Didòmhnaich air Prìomh Shràid Bhaile a' Chaisteil ann an Gallaibh.

Bhàsaich Marc MacCoinnich, a bha 30, 's a bhuineadh do Bhaile a' Chaisteil, aig an làraich.

Dhùin na Poilis an rathad airson naoi uairean de thìde fhad 's a bha iad a' rannsachadh.