"Cabhag a dhìth" air an A83

  • Air fhoillseachadh
Rest and Be Thankful

Tha ìmpidh ga cur air Riaghaltas na h-Alba cabhag a chur air rathad ùr a thogail seachad air an earrann den A83 a bhios dùinte tric le maoimtean-slèibhe ann an Gleann a' Chrò.

Tha seo an dèidh do dh'oifigich còmhdhail dearbhadh gur e rathad san aon ghleann a b' fheàrrr mar fhuasgladh don t-suidheachadh.

Dh'fhaodadh ge-tà, tunailean a bhith air an cur an sàs airson pàirt den rathad ùr a dhìon.

"Gu nàdarra, tha mi gu math toilichte gu bheil sinn mu dheireadh thall a' tòiseachadh air an t-suidheachadh seo a ghluasad air adhart," thuirt Dòmhnall Kelly, a tha na chomhairliche Tòraidheach airson Meadhan Earra-Ghàidheal.

Buaidh

"Tha mi air bruidhinn ri luchd-einnsinnìridh 's eile, agus is coltach gur e am fuasgladh as fhasa agus as luaithe, dhan choimhearsnachd.

"Tha mi an dòchas gun gluais e air adhart aig astar a-niste, bhon chan urrainn dhuinn, gu follaiseach, feitheamh deich bliadhna mar a thathas a' tomhas.

"Tha e a' toirt cus buaidh air a' choimhearsnachd air fad.

"Feumaidh Riaghaltas na h-Alba cabhag a chur air a' chùis," thuirt e.