Aonta nan Eilean

Chaidh Aonta nan Eilean, a roinneas £100m eadar na h-Eileanan an Iar, Arcaibh agus Sealtainn a shoidhnigeadh.

Tha an t-airgead a' tighinn bho Righaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba.

Tha dùil gum fosgail an t-aonta cothrom air còrr is £200m eile bho bhuidhnean san roinn phoblaich agus anns an roinn phrìobhaidich. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.