Aithisg a' moladh catamaran 'son Eilean Mhuile

  • Air fhoillseachadh
CatamaranTùs an deilbh, Sea Transport Solutions Australia
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an catamaran ga thogail ann an Indonesia.

Tha muinntir Mhuile agus Ì air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs san iomairt aca airson bàta-aiseig ùir.

Tha iad airson 's gun tèid iad an sàs sa chùis mus sgaoil a' phàrlamaid an t-seachdain seo, air thoiseach air an taghadh.

Tha aithisg a dh'iarr Comataidh Aiseig Mhuile agus Ì bho Oilthigh Shrath Chluaidh a' moladh bàta catamaran ùr.

A-rèir na h-aithisge, bhiodh an catamaran a' freagart air riaghailtean sàbhailteachd, le dìreach beagan atharrachaidh ga dhèanamh air.

Chosgadh am bàta, a tha an-dràsta ga thogail ann an Indonesia, mu £12m.

Tha i ag ràdh gun rachadh an t-suim airgid sin a phàigheadh air ais ann an seachd bliadhna, leis cho ìosal 's a bhiodh cosgaisean làitheil a' bhàta.

Chaidh £14m a chosg air MV Alfred, bàta catamaran ùr aig Pentland Ferries, a thogadh ann am Bhiet Nam, a bhios a' frithealadh seirbheis aiseig eadar Òb Maighreid ann an Arcaibh agus Taigh Iain Ghròta.

CatamaranTùs an deilbh, Sea Transport Solutions, Australia
Fo-thiotal an deilbh,

Obair ga dhèanamh air slige a' chatamaran.

Tha na h-eileanaich air a bhith a' moladh a' bhàta sa dha CMAL, a bhios a' cumail bhàtaichean aig CalMac.

Tha CMAL air a bhith a' cumail a-mach nach biodh am bàta a' ruighinn ìrean iomchaidh.

Rinn cathraiche a' chomataidh Joe Reade càineadh air mar a tha CMAL air dèiligeadh ris an iarrtas aca.

"Tha CMAL dèonach faisg air £200m de dh'airgead poblach a chosg air dà shoitheach nach eil deiseil fhathast, ach nuair tha an cothrom ann greim fhaighinn air bàta mar seo chan eil iad a' toirt suim sam bith dha," thuirt e.

Thug BPA na sgìre Mìcheal Ruiseal taic dhan iomairt cuideachd.

"'S e fìor deagh chothrom a tha seo gus greim fhaighinn air bàta ùr," thuirt e.

"Tha e ri fhaighinn an-dràsta fhèin, rud a tha gu math cudromach leis cho fada's a tha e a' toirt CMAL soitheachan ùra fhaighinn."