Catamaran Mhuile “freagarrach agus sàbhailte”

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air aithisg a cho-dhùin gum biodh catamaran "freagarrach agus sàbhailte" air an t-slighe eadar an t-Òban agus Muile.

Thuirt Cathraiche na Còmhdhail, Ùisdean Robasdan, gur e deagh naidheachd a bh'anns an sgrùdadh a rinn Oilthigh Shrath Chluaidh. chan e a-mhàin do mhuinntir Mhuile ach cuideachd do choimhearsnachdan eile air a' chost an iar a tha feumach air seirbheisean aiseig nas seasmhaiche.

Tha an aithris seo aig Seonaidh MacCoinnich.