Sgrùdadh air àireamh nan geàrran-bàna an Alba

  • Air fhoillseachadh
Geàrr-bhànTùs an deilbh, Thinkstock

Tha co-bhanntachd de bhuidhnean glèidhteachais a' sìreadh taic an t-sluaigh ann a bhith a' cruinneachadh fiosrachaidh mu na h-àireamhan de gheàrran-monaidh ann an Alba.

'S e an aon ghnè dùthchasach de gheàrran ann an Alba a th' anns a' mhaigheach-mhonaidh ach chan eil fiosrachadh gu leòr ann a thaobh na th' ann dhiubh ann an sgìrean fa leth den dùthaich.

'S urrainn do dhaoine pàirt a ghabhail sa chunntas le bhith a' cleachdadh an app an asgaidh Mammal Mapper a chlàradh cuine is càite a chì iad fear de na beathaichean.

Cuidichidh am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh le oidhirpean dìon a thoirt air geàrran-bàna na h-Alba.

Thòisich am pròiseact Diluain agus mairidh e airson bliadhna.