Bliadhna ann bho chaidh a' chiad ghlasadh-sluaigh a ghairm

  • Air fhoillseachadh
Oifigeach eaglais a' lasadh choinnlean a' comharrachadh gach duine a bhàsaich le Covid ann an Lancashire aig Cathair-Eaglais BhlackuburnTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh 4,161 coinnlean a lasadh aig Cathair-Eaglais Bhlackburn a' comharrachadh gach bàis le Covid ann an Lancashire

'S ann air an 23mh den Mhàrt 2020 a dh'ainmich Boris Johnson riaghailtean ùra airson màill a chur air sgapadh Covid-19.

Chaidh bacaidhean a chur an sàs a' cuingleachadh an t-sluaigh nam beatha phearsanta agus proifeasanta.

Thòisich astarachadh sòisealta agus chaidh sgoiltean, taighean-seinnse agus bùitean a dhùnadh.

Chaidh mionaid sàmhchair a chumail Dimàirt aig meadhan là a' cuimhneachadh air daoine air an tug an galar buaidh agus orrasan a chaill am beatha.

Luchd-obrach Ospadal Rìoghail Ghlaschu a' cumail mionaid sàmhchairTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-obrach Ospadal Rìoghail Ghlaschu a' cumail mionaid sàmhchair

Àireamh a' bhàis

A rèir nan àireamhan oifigeil bhàsaich 126,172 san Rìoghachd Aonaichte uile gu lèir le Covid-19.

An là a chaidh a' chiad ghlasadh-sluaigh òrdachadh dh'innis an riaghaltas gun robh 340 daoine air bàsachadh leis a' bhìoras.

Thuirt am Prìomhaire nach robh dol às aca ach na righailtean cruaidh a thoirt a-steach agus gun robh slighe dhoirbh ron dùthaich.

Ach 's beag de dh'fhios a dh'fhaodadh a bhith aig an t-sluagh air na chailleadh leis a' bhìoras, agus mar a thug a' bhliadhna a chaidh seachad atharrachadh mòr air dòigh beatha phearsanta agus modhan obrach.

Màthair ùr

Bha dùil aig Shona Nic a' Mhaoilein ris a' chiad leanabh aice nuair a thàinig an naidheachd. Tha Mairead bheag a-nis sia mìosan de dh'aois.

"Tha e air a bhith gu math doirbh. Tha mise a' fuireach cho faisg air a' chuid as motha den teaghlach agam agus tha e duilich nach fhaigh sinn idir air a dhol a-steach a chèilidh air càch a chèile agus cluich còmhla ri Mairead bheag," thuirt i.

Shona Nic a' Mhaoilein
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Shona Nic a' Mhaoilein na màthair ùr agus thuirt i gu bheil e duilich nach fhaigh i cothrom coinneachadh le pàrantan eile

"Tha e duilich dhomhsa on rugadh an tè bheag agam nach eil mi a' faighinn cothrom a bhith a' faicinn dhaoine, nach eil buidhnean a' dol do mhàthraichean neo pàrantan agus na leanaban aca.

"Tha a h-uile càil air-loidhne agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil an tè bheag a' smaoineachadh gu bheil a h-uile duine air-loidhne, nach eil daoine ann gu fìrinneach idir."

Nicola Sturgeon
Fo-thiotal an deilbh,

'S e teachdaireachd gach riaghaltais am Breatainn fuireach am broinn an taighe

Fuireach aig an taigh

'S e prìomh theachdaireachd an riaghaltais do mhuinntir Bhreatainn fuireach aig an taigh agus gun a dhol a-mach ach airson eacarsaich agus biadh agus stuth eile riatanach a cheannach.

Chaidh iarraidh air seann daoine gu sònraichte gun an dachaigh fhàgail. Mar an ceudna, bha iomadh duine ann nach fhaodadh a dhol a-mach air adhbharan slàinte.

Bha Rhoda Mhoireasdan a' tighinn air adhart gu math an dèidh dhi a dhol fo lannsa airson dubhag ùr fhaighinn nuair a thàinig a' chomhairle gum bu chòir dhi fuireach a-staigh airson a dìon fhèin.

Rhoda MhoireasdanTùs an deilbh, Empics
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh Rhoda Mhoireasdan an cothrom slànachadh an dèidh obair-lannsa ach tha fadachd oirre a-nis beagan siubhail a dhèanamh

"Nuair a fhuair sinn fios gun robh an lockdown a' tòiseachadh bha mi a' faireachdainn uabhasach oir tha thu mar phrìosanach. Tha sinn fortanach gu bheil gàradh mòr againn ach nuair a tha thu eòlach air falbh a-mach gu bi càite a bheil thu ag iarraidh a dhol tha e doirbh.

"Tha mi a' smaoineachadh ged nach eil mi ag iarraidh seo aideachadh gur dòcha gur e rud math a bh' ann airson mo shlàinte agus a-nis tha mi a' faireachdainn cho math sa bha mi bho chionn còrr is fichead bliadhna agus tha mi deiseil airson spreadhadh a-mach às an taigh a tha seo!"

Càirdean agus caraidean air an dealachadh

Bha teaghlaichean air an sgaradh agus casg air siubhal gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta ach air adhbharan riatanach.

Aig toiseach na dàrna bliadhna de bhacaidhean tha biùgan dòchais ann gu bheil cùisean a' fàs nas fheàrr ged a tha sgàil a' phandemic fhathast os ar cionn.

Tha Fiona Edwards a' fuireach còmhla ris an duine aice agus a cuid chloinne ann an Astràilia agus an còrr den teaghlach ann an Alba.

Bhiodh aice ri dhol ann an cuarantain ann an taigh-òsta aig gach ceann den turas aice nan robh i airson siubhal, ach bhiodh a' chosgais ro mhòr dhaibh.

Fiona Edwards
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fiona Edwards an dòchas gum faigh iad air siubhal a dh'fhaicinn chàirdean ann an Alba an ath-bhliadhna

"Tha mi an dòchas an ath-bhliadhna gum bi mi fhèin agus an duine agam an dèidh a' bhanachdach fhaighinn agus gum faigh sinn air thighinn dhachaigh agus gum faigh sinn air fèin-aonarachadh a dhèanamh aig an taigh gun a bhith ann an taigh-òsta agus bidh e nas fhasa dhuinn pàigheadh airson sin.

"Rud a bhios a' dèanamh dragh mòr dhomh 's e gun tig tinneas air mo mhàthair neo air duine a bhuineas dhomh agus nach bi cothrom agam air thighinn dhachaigh gam faicinn neo airson cuideachadh a thoirt. Tha mi glaiste ann an seo an-dràsta,"thuirt i.

Là Cuimhneachaidh Covid

Tha dotairean, nursaichean, luchd-teagaisg agus cuid de bhuill-phàrlamaid ag iarraidh air a' Phrìomhaire Là Cuimhneachaidh Covid bliadhnail a stèidheachadh airson urram a thoirt do luchd-obrach riatanach tro èiginn a' ghalair.

Ach tha luchd-dàimh an fheadhainn a bhàsaich leis a' choròna-bhìoras air am Prìomhaire a chàineadh leis gu bheil e air diùltadh coinneachadh riutha.

Tha a' bhuidhean Covid-19 Bereaved Families for Justice ag iarraidh gun tèid sgrùdadh poblach a chumail air mar a làimhsich an riaghaltais sgapadh a' bhìorais.

Thuirt fear-labhairt a' Phrìomhaire gun do rinn e soilleir gun tèid mar a chaidh dèiligeadh ris a' phandemic a chur fon phrosbaig.

"Bidh rannsachadh neo-eisimealach mar phàirt den ath-sgrùdadh sin. Ach, an-dràsta, feumaidh sinn prìomhachas a thoirt do bheatha dhaoine a shàbhaladh."