Leasachadh aig Mowi sa Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
Tuathanas-èisg

Tha a' chompanaidh àrach èisg Mowi a' dol a leudachadh nan goireasan giollachd aca sa Ghearasdan.

Thuirt iad gun tèid dìon a chur air còrr agus 100 cosnadh sa bhaile agus air còrr agus 20 cosnadh eile aig an ionad-spadaidh aca ann am Malaig.

Bha Mowi a' coimhead roimhe ri goireas giollachd ùr a thogail ann an Caol Àcainn ri taobh ghòireasan eile a th' aca ann an sin.

Tha iad air co-dhùnadh a-nise gur e an-t ionad air a' Bhlar Mhòr sa Ghearasdan a leudachadh as èifeachdaiche, ged a bheir iad sùil eile air cùisean ann an deich bliadhna.

Leudachadh

Thuirt iad gun cleachd iad teicneòlas digiteach agus robotaireach airson tòrr den obrach a dhèanamh.

Thèid na gheibh iad air a ghiollachd de bhradan bho 60,000 tunna gach bliadhna gu còrr is 90,000.

Feumaidh Mowi cead-dealbhachaidh fhaighinn ach tha iad an dòchas gun tòisich obair-togail am bliadhna, agus gum bi na goireasan ùra deiseal as t-samhradh 2022.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad den bheachd gun lean margaid làidir airson a' bhradain agus gun tig tuilleadh leudachaidh.