Buaidh Covid-19 ann an eileanan

  • Air fhoillseachadh
Covid

Tha eileanan na h-Alba air a bhith ann an cunnart nas motha fulang ri linn buaidh shòisealta is eaconomach Covid-19 na iomadh àite eile, a rèir aithisg ùire.

Fhuair rannsachadh, taobh a-muigh bho Institiuid James Hutton agus Colaiste Dhùthchail na h-Alba cuideachd ge-tà, gun robh neart choimhearsnachdan ann an eileanan na bhuannachd tron phandemic.

Tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh gun do sheall an suidheachadh a th' ann gu follaiseach grunn laigsean a bh'ann mar-tha ann an sgìrean eileanach.

Nan measg tha duilgheadasan le ceanglaichean bann-leathainn, a bhith an eiseimeil cus air gnìomhachasan mar thurasachd, a bhith astar air falbh bho chuid de sheirbheisean slàinte, agus sluagh le barrachd dhaoine a tha suas ann am bliadhnaichean.

Fhuair an rannsachadh cuideachd gun tug am pandemic buaidh nas miosa air feadhainn air tuarastal nas ìsle.

Coimhearsnachd

Bha e na bu dhuilghe cuideachd, thuirt an luchd-rannsachaidh, do dhaoine le companaidhean beaga no daoine a tha ag obair air an ceann fhèin taic riaghaltais fhaighinn.

Ach tha an aithisg àg ràdh gun do shoirbhich le sgìrean eileanach a thaobh 's mar a bha coimhearsnachdan a' tarraing ri chèile, is mar a bha buidhnean is companaidhean ag aithneachadh na bha dhìth gu h-ionadail.

Tha an aithisg a' moladh am measg eile gun tèid togail air an obair sin, gun tèid ceanglaichean bann-leathainn a leasachadh, is gum bi oidhirp shònraichte ann daoine nas òige a thàladh gu sgìrean eileanach.

Thathas cuideachd a' moladh gum bi barrachd tuigse ann mu na diofar feumalachdan ann an diofar sgìrean.