Ròbot an Ràthaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
robotic arms
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na ròbotan air fàs nas bitheanta ann an ospadail na Rìoghachd Aonaichte anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Fhuair Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd sealbh air ròbot a tha comasach air cuideachadh le obair-lannsa.

'S e seo a' chiad uair a bhios teicneolas dha leithid aig NHS na Gàidhealtachd.

Thàinig an ròbot thuca mar phàirt de phrògram Da Vinci.

Tha na ròbotan seo, a th' air an stiùireadh le dotairean, air fàs nas bitheanta aig bùird-slàinte anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Tha iad comasach air dotairean a chuideachadh ann an dòigh nas mionaidiche, nas sùbailte, is le barrachd smachd na tha comasach le obair-lannsa traidiseanta.

Thuirt Àrd-Stìuiriche NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air an dòigh gu bheil an teicneolas seo a' tighinn dhan cheann a tuath.

Ròbot
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh dotairean a' stiùireadh an ròboit.

"Cha robh sinn sa chiad dol a-mach air ar comharrachadh mar phrìomhachas 'son ròbot fhaighinn ach rinn sinn argamaid làidir", thuirt Pam Dudek.

"Tha a' chiad ròbot Da Vinci a-nise an seo is tha e air a chur an sàs.

"Tha an sgioba-lannsa againn air an dòigh, ach bheir e beagan ùine a-nise plana a stèidheachadh a thaobh mar a chleachdas sinn an ròbot", thuirt i.

Thuirt i gu bheil dùil gum bi buannachdan mòra ann do dh'euslaintich is gum bi e comasach obair-lannsa a bharrachd a dhèanamh is amannan feitheimh a ghearradh.

Thuirt i cuideachd gum bi an ròbot na tharraing a thaobh luchd-obrach a thàladh gu NHS na Gàidhealtachd.