
Nochd draghan an-uiridh mu dhol a-mach cuid de luchd-campachaidh
Tha dùil gum bi turasachd ceadaichte gu ìre air choireigin ann an Alba a-rithist ro dheireadh na mìos seo, ach tha aire cuid a' tionndadh a-nis gu na trioblaidean a nochd ann an cuid de dh'àitichean an-uiridh nuair a chaidh riaghailtean a' ghlasaidh a thogail.
Nochd draghan ann an grunn àitichean mu dhaoine a bhith a' campachadh ann an àitichean mì-iomchaidh agus cuid a bha a' fàgail sgudail neo salachair às an dèidh.
Thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Calum Rothach, gum fac' iad-san cuid mhath den dol a-mach seo.
"Chìtheadh tu daoine dìreach a' tarraing a-steach gu àite-parcaidh, layby, agus dìreach a' cur na teanta suas ri taobh a' rathaid - agus chan e a-mhàin aon duine neo dithis, bha seo a' tachairt àite sam bith a bha pìos còmhnard ann. Gu math tric bha daoine a' falbh 's a' toirt a h-uile dad leotha ach tric gu leòr bha gearannan ann gun robh daoine a' fàgail sgudail às an dèidh agus fiù 's a' fàgail nan teantaichean às an dèidh cuideachd".
Tha prògram Eòrpa na seachdainn seo a' toirt sùil air an t-suidheachadh seo.
"Cion eòlais"
Thuirt Calum MacIlleathain, a bhios tric ri campachadh fiadhaich, gur e "cion eòlais" a bh' air cùl tòrr dhen dol a-mach seo, agus nochd ceist cuideachd mun na goireasan a bh' ann do luchd-campachaidh, gu h-àraidh air an tuath.
Tha sùil a-nis ga toirt air sgeama anns an Fhraing a tha a' leigeil le bhanaichean campachaidh oidhche neo dhà a chur seachad ann an àite sàbhailte, le goireasan uisge agus cothrom air taighean-beaga fhalamhachadh.
Tha sgeama dha leithid a-nis fon phrosbaig aig Comhairle na Gàidhealtachachd.
Tha dòchas ann, le goireasan nas fheàrr agus tuilleadh fiosrachaidh ga thoirt do luchd-turais, gum faigh gnìomhachas na turasachd cothrom air beagan airgid a dhèanamh, le dùil gum bi barrachd dhaoine a' cur seachad nan làithean-saora aca anns an dùthaich seo fhèin am-bliadhna.
Chìthear aithris Alasdair MhicIllinnein air Eòrpa air BBC ALBA Diardaoin aig 8:30f.