
Thog feadhainn an gnìomhachas na turasachd ann an eileanan na h-Alba dragh gum bi iad air fhàgail air dheireadh nuair a thèid riaghailtean siubhail a lagachadh air tìr-mòr.
Tha luchd-gnothachais anns na h-Eileanan an Iar, Eileanan Earra-Ghàidheal, Eilean Arainn agus Arcaibh ag ràdh gu bheil iad a' call nam milleanan notaichean ri linn an t-suidheachaidh.
Tha an stiùireadh a thaobh Chovid-19 air atharrachadh Dihaoine na Ceusda bho "Fuirichibh aig an taigh" gu "Fuirichibh gu h-ionadail" is cothrom aig daoine siubhail taobh a-staigh sgìre an ùghdarrais ionadail aca.
Thathas an dùil bhon 26mh den Ghiblean gum bi cead ann gluasad air feadh na h-Alba.
Ach cha robh guth san fhiosrachadh às ùr bho Riaghaltas na h-Alba an t-seachdain seo air cuine bhios e ceadaichte siubhail nach eil riatanach a cheadachadh a thaobh tìr-mòr agus eileanan na h-Alba.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gun robh iad a' còmhradh ri coimhnearsnachdan eileanach mun phuing sin, is dragh air cuid gum faodadh luchd-turais an Coròna-bhìoras a thoirt a-steach dha na h-eileanan.
Soillearachadh
Tha iomagain air riochdairean turasachd anns h-eileanan mun ghnothach.
"'S e an trioblaid a th' ann nach eil dad a dh'fhios againn dè tha a' tachairt is gun ach trì seachdainnean gus an atharraich na riaghailtean. Feumaidh sinn soillearachadh", thuirt Raibeart MacFhionghain bho Thurasachd Innse Gall.
"Tha sinne airson is gum faigh sinn cead fosgladh suas bhon 26mh den Ghiblean ach 's e an rud as cudromaiche dìreach gum bi deit air choireigin againn.
"Bha ùine gu leòr aig an Riaghaltas an clàr-ama a-mach às a' ghlasadh ullachadh is tha e doirbh dhuinn tuigsinn carson a chaidh ar fàgail a-mach às.
"Tha sinn a' call luchd-turais is tha sinn a' call luchd-obrach. Tha mu thrian de na gnothachasan againn air innse dhuinn gum bi e doirbh dhaibh cumail a' dol fiù 's ma dh'fhosglas sinn air an 26mh", thuirt e.
Thuirt neach-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil fios aca gu bheil cuid de ghnothachasan is coimhearsnachd anns na h-eileanan airson fosgladh cho luath 's tha e sàbhailte, ach gu bheil feadhainn eile a tha nearbhasach mun bhuaidh a bhiodh aige sin.
Dh'innis iad gu bheil iad 'son tilleadh chun àbhaist cho luath 's a ghabhas, ach gum feum iad cuideachd am bhìoras a chumail fo smachd.
Cunnart
Thuirt an Riaghaltas gu bheil cunnart ann gun till am bhìoras ma ghluaiseas iad ro luath, is gu bheil iad cuideachd mothachail gum feum iad taic bhon mhòr-chuid de dh'eileanaich is coimhearsnachdan eileanach gu bheil iad air an t-slighe cheart.
Thuirt iad gu bheil còmhraidhean a' leantainn le ùghdarrasan eileanach, coimhearsnachdan is gnothachasan.
A bharrachd air sin, mhìnich an Riaghaltas gu bheil ceistean fhathast rim freagairt a thaobh dheuchainnean do dhaoine a tha a' tighinn a-steach dha na h-eileanan is nach deach co-dhùnadh a dhèanamh a thaobh sin.
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an t-seachdain seo chaidh gum feumar cothromachadh a dèanamh eadar an cunnart bho luchd-turais tighinn nan dròbhan agus cho cudromach 's a tha e dha na h-eileanan fhosgladh.
Dh'innis àrd-oifigear a' bhùird, Gòrdan Jamieson, gun robh iad a' gluasad air adhart le prògram na banachdaich "gus dìon cho math 's a ghabhas a thoirt dhan t-sluagh".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt 2021
