Iomairt ùr san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Tha buidheann ùr ag iarraidh gun tèid èisteachd ris na draghan a th' air Sgitheanaich òga.

Thuirt Iomairt an Eilein gu bheil iad "a' toirt togail do ghuthan òga an Eilein Sgitheanaich".

Tha iad a-mach am measg eile air taigheadas, cion-cosnaidh agus suidheachadh na Gàidhlig.

Le taghadh Pàrlamaid na h-Alba an ath-mhìos, tha iad ag iarraidh air na pàrtaidhean poilitigeach a bhith mothachail mu na gnothaichean seo.

"'S e taigheadas an duilgheadas a bu mhotha a th' againn", thuirt Ciorstaidh NicDhùghaill, a tha na ball de dh'Iomairt an Eilein.

"Tha na prìsean dìreach gun chiall. Tha mise air a bhith san oilthigh is tha mi dìreach air gluasad air ais dhan eilean an-uiridh is tha mi air a bhith a' fuireach còmhla ri mo phàrantan 'son bliadhna.

Cunnart

"Agus dhan fheadhainn a tha air a bhith an seo bho dh'fhàg iad an sgoil agus chan urrainn dhaibh idir idir fhaighinn air liosta an taigheadais.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir do bhuidhnean coltach ri Coimisean na Croitearachd a bhith nas làidire a thaobh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil na croitean is taighean a' dol gu daoine a tha gan cleachdadh", thuirt i.

Tha Iomairt an Eilein a' dèanamh ceangal làidir eadar na gnothaichean seo agus suidheachadh na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.

Thuirt iad gu bheil an cànan ann an cunnart mòr leis an t-suidheachadh a th' ann an-dràsta.

Bidh a' Ghàidhlig aig cridhe na h-iomairt aca, tha iad ag ràdh.

"Mur as urrainn dhan òigridh tilleadh air ais, gu h-àraidh an fheadhainn aig a bheil Gàidhlig, ciamar a tha Gàidhlig gu bhith beò anns na h-eileanan a tha seo?", thuirt Ciorstaidh NicDhùghaill.

Prìomhachas

"Nuair a bha sinn òg san àrd-sgoil, chaidh innse dhuinn an còmhnaidh: 'feumaidh sibh an t-eilean fhàgail airson adhartas a dhèanamh ann am foghlam' is mar sin air adhart.

"Tha feadhainn againn air sin a dhèanamh is tha sinn air tilleadh air ais is chan eil àite ann air ar son.

"Chan eil an cànan ga cleachdadh sa choimhearsnachd. Chan eil tar-chur eadar ginealaichean a' tachairt.

"Tha Gàidhlig mar phrìomhachas san iomairt a tha seo", thuirt i.

Thuirt Iomairt an Eilein gu bheil iad a' sùileachadh tòrr a bharrachd bho na pàrtaidhean poilitigeach san fharsaingeachd a thaobh na Gàidhlig agus cuspairean eile a tha cudromach air a' Ghàidhealtachd is agus na h-Eileanan.

Tha iad air ath-chuinge a stèidheachadh ag iarraidh air gach pàrtaidh is gach tagraiche taic a chur riutha.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh