
Faodaidh gruagairean, ionadan-gàrraidh agus bùithtean a' creic stuth airson an dachaigh fosgladh a-rithist an Alba bho Dhiluain.
Faodaidh seirbheisean 'cliog-agus-tog' nach eil riatanach cuideachd fosgladh.
Seo san lagachadh às ùr ann an riaghailtean a' choròna-bhìorais.
Am measg ghnothaichean eile a tha a' fosgladh, tha bùithtean a bhios a' gearradh iuchraichean, a' crèic uidheamachd gluasadachd, agus uidheamachd phàistean.
Ma tha stuthan dealain agaibh a dhìth air an càradh, gabhaidh sin a-nis a chur air dòigh.
Atharrachadh
Thàinig atharrachadh air an iarrtas a bhith a' fuireach aig an taigh Dihaoine seo, agus faodaidh sinn a-nis gluasad mu chuairt na sgìre ionadail againn fhìn.
Ach thathar a' moladh dhuinn a bhith mothachail gu bheil am bhìoras fhathast mu chuairt agus a bhith faiceallach.
Ged a tha gruagairean agus borbairean a' fosgladh, feumaidh àm stèidhichte a bhith agad airson a dhol thuca, chan eil na seirbheisean gluasadach aca fosgailte fhathast.
Airson daoine oga eadar 12-17 faodaidh iad tilleadh gu bhith a' cluich spòrs a-muigh far am bi iad a' dol an lùib a chèile, leithid rugbaidh.
Agus thèid aig oileanaich tilleadh gu clasaichean practaigeach bho Dhiluain a-mach.