Deuchainn fosglaidh air an A83

  • Air fhoillseachadh
Milleadh air an A83
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air a' phìos seo den A83 le maoim-talmhainn.

Tha rathad an A83 aig an Rest and Be Thankful gu bhith fosgailte là 's a dh'oidhche airson a' chiad uair ann an ochd mìosan.

Thàiris air an ath dhà là thèid fhaicinn a bheil e comasach an rathad a chumail fosgailte gu sàbhailte tron oidhche agus tròn là.

Chaidh am prìomh rathad seo an Earra-Ghàidheal a dhùnadh san Lùnastal an-uiridh às dèidh do thuiltean, maoim-talmhainn de 6,000 tunna de spruilleach adhbhrachadh.

Bhon uair sin chan eil am pìos seo den rathad air a bhith fosgailte ach aig amannan.

Tha companaidh nan rathaidean Bear Alba air a bhith ag obair gus dìon a bharrachd a chur ris an leathad.

Chaidh balla concrait a thogail airson taic a chur ris an rathad agus cùlbhart airson uisge a leigeil fodha.

Fosgailte

Thèid seann rathad an airm fhàgail fosgailte air eagal 's gum feumar a chleachdadh fhad 's a tha an deuchainn seo a' ruith agus bidh luchd-obrach Bear Alba an làthair ma bhios iad a dhìth airson trafaig a stiùireadh.

"'S e sàbhailteachd luchd-cleachdaidh an rathaid an rud as cudromaiche dhuinn agus chan fhosgail sinn an A83 gus am bi sinn riaraichte gu bheil e sàbhailte sin a dhèanamh," thuirt Eddie Ros bho Bhear Alba.

"Tha sinn airson taing a thoirt do luchd-cleachdaidh an rathaid agus a' choimhearsnachd mun cuairt airson am foighidinn fhad 's a tha sinn air a bhith a' dèiligeadh leis na trioblaidean air an rathad ann a sheo," thuirt Mgr Ros.

Anns na bliadhnaichean mu dheireadh tha an rathad air a bhith aithnichte airson cho tric 's a tha e air a bhith dùinte le maoimean-talmhainn.

Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air 11 diofar roghainnean a bhiodh ann airson na slighe làn-ùine.

'S a Mhàrt am-bliadhna dh'fhoillsich iad gur e slighe tro Ghleann a' Chrò a chaidh a thaghadh.