Tobar an Dualchais a' sireadh cuideachaidh

  • Air fhoillseachadh
Tobar an DualchaisTùs an deilbh, Tobar an Dualchais

Tha Tobar an Dualchais a' sireadh cuideachaidh gus lorg fhaighinn air dealbhan is fiosrachadh mu dhaoine a chaidh a chlàradh air teip thairis air na bliadhnaichean.

Tha obair a' leantainn air làrach-lìn ùr 'son na tasglainn.

Mar phàirt den sin, tha iad airson aodainnean a chur ri na guthan a tha rin cluinntinn.

Dh'innis stiùiriche Tobar an Dualchais, Flòraidh Forrest, gum biodh e iomchaidh barrachd fhaighinn a-mach mun fheadhainn a tha a' nochdadh san stòras.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e ag innse dhut barrachd mun sgeulachd aig na daoine nuair a chì thu na h-aodainn aca, is chan e a-mhàin dìreach dealbhan ach fiosrachadh a bharrachd mu dheidhinn beatha nan daoine cuideachd, chòrdadh e leinn sin fhaighinn cuideachd", thuirt Flòraidh.

Ùine

Ged a chaidh tòrr de na clàraidhean ann an Tobar an Dualchais a dhèanamh bho chionn fhada an t-saoghail, tha dòchas ann gum bi e comasach dealbhan is fiosrachadh a chruinneachadh.

Tha Tobar an Dualchais mothachail ge-tà, gu bheil ùine a' ruith a-mach.

"Ma tha iad ann 's e seo an t-àm 'son iad fhaighinn bho dhaoine mus ruith an ùine oirnn barrachd ", thuirt Flòraidh Forrest.

"Tha e doirbh ach tha cuideachd comainn eachdraidh is buidhnean coimhearsnachd mar sin a tha deònach dealbhan a thoirt seachad, ach tha sinn cuideachd a' cleachdadh seo mar dhòigh daoine sa choimhearsnachd fhèin tighinn air adhart agus dealbhan a thoirt dhuinn", thuirt i.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh agus cothrom fios a chur air Tobar an Dualchais an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh