
Tha MG ALBA - a th a' ruith BBC ALBA còmhla ris a' BhBC - air cùmhnantan a thoirt do sheachd companaidhean a bhios a' dèanamh phrògraman airson na seanail Gàidhlig thairis air an ath thrì bliadhna.
Tha luach de £11.4m sna cùmhnantan thar nan trì bliadhna.
Tha na companaidhean le oifisean air feadh na h-Alba, agus 's iad na buidhnean a leanas a shoirbhich:
• Mantra TBh (Sgeulachdan Aithriseach)
• Beezr Studios (Ceòl agus Tachartasan)
• MacTV (Sgeulachdan aithriseach)
• Caledonia TV (Sgeulachdan aithriseach)
• Midas Media (Sgeulachd aithriseach)
• Obh Obh Productions (Prògraman Cloinne)
• Solus Productions (Prògraman Cloinne)
Bun-stèidh nas cinntiche
Chuir na companaidhean neo-eisimeileach fàilte air an aonta eadar iad agus MG ALBA agus iad ag ràdh gu bheil an cùmhnant trì bliadhna a' toirt chothroman dhaibh sgilean dhaoine a thoirt air adhart sa ghnìomhachas agus prògraman nas làidire a chruthachadh.
Thuirt Calum Aonghas MacAoidh, Àrd-Stiùiriche Mantra TBh: "Tha mi fhèin agus sgioba Mantra TBh a' coimhead air adhart ri prògraman cruthachail ùra a dhèanamh do BhBC ALBA.
"Tha an t-aonta trì bliadhna a' ciallachadh gun tèid againn air na h-amasan againn a choileanadh; a' toirt tàlant ùr agus obraichean dhan t-seanail, agus a bhith a' lìbhrigeadh phrògraman tarraingeach dhan luchd-amhairc."
Thuirt Stiùiriche Phrògraman aig MG ALBA, Iseabail Nic an t-Sagairt, gun d' fhuair iad tòrr bheachdan tarraingeach thar gach gnè agus gum bi iad ag obair le gach companaidh air na planaichean mionaideach.
Thuirt i gun robh a' bhliadhna a dh'fhalbh air a bhith deuchainneach dhan ghnìomhachas air sgàth buaidh sgapadh Covid-19 ach gun do làimhsich na companaidhean agus luchd-obrach na seanail an suidheachadh ann an dòigh innleachdach, a' ciallachadh gun deach cumail a' dol a lìbhrigeadh stuthan dhan luchd-coimhid.
Thuirt Ms Nic an t-Sagairt gu bheil na cùmhnantan ioma-bhliadhna air bun-stèidh seasmhach a thoirt dhan t-seanail ach cuideachd dha na companaidhean aig àm dùbhlanach bho sheadh cruthachail ach cuideachd bho sheadh choimearsalta.
"Tha cinnt aca dè seòrsa rud a bhios iad a' dèanamh gach bliadhna airson trì bliadhnaichean. A thaobh luchd-coimhid tha sin feumail ach cuideachd a thaobh nan companaidhean."