
Am Prionnsa Philip aig Geamachan Bràigh Mhàrr
Tha daoine ann an Alba air a bith a' dèanamh luaidh air a' Phrionnsa Philip an dèidh a bhàis aig aois 99.
Bha dlùth cheangal aige le Alba a' dol air ais gu a làithean sgoile anns na 1930an.
Chaidh e gu Gordonstoun ann am Moireibh, agus fad mòran bhliadhnaichean bhiodh e fhèin agus a' Bhanrigh tric a' cur seachad ùine aig Caisteal Bhaile Mhorail ann an Siorrachd Obair Dheathain.
Sgaoil ceannardan poileataigeach teachdaireachdan a' nochdadh an co-fhaireachdainn leis an teaghlach rìoghail agus tha na pàrtaidhean air stad rè ùine a chur air na h-iomairtean taghaidh aca.
Chuireadh na brataich aig Holyrood aig leth-chrann mar urram dha.
Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gun robh ceanglaichean làidir air a bhith aig a' Phrionnsa Philip le Alba.
Thuirt i: "Bho bhith a' stèidheachadh Dhuaisean Dhùn Èideann, an obair aige mar sheansalair Oilthigh Dhùn Èideann airson còrr agus 50 bliadhna agus an taic a thug e do dh'iomadh buidheann agus cathrannas, tha am Prionnsa Phillip air mòran a chur ri beatha phoblach ann an Alba."
Thuirt Ms Sturgeon gun tèid leabhar caoidhe fhosgladh sna làithean air thoiseach.

Tha na brataich aig leth-chrann aig Holyrood
Thuirt ceannard nan Làbarach ann an Alba, Anas Sarwar, gun robh an dùthaich a' caoidh "seirbheisiche poblach dìleas".
"Bha gràdh mòr aig a' Phrionnsa Philip air Alba agus thig sinn còmhla mar dhùthaich a' cuimhneachadh air a bheatha agus na rinn e na bheatha obrach," thuirt Mgr Sarwar.
Thuirt ceannard Thòraidhean na h-Alba, Dùghlas Ros, gun robh a cho-fhaireachdain leis a' Bhanrigh agus an teaghlach rìoghail gu lèir. "Tha sinn air seirbheisiche poblach air leth a chall a thug seirbheis dhan Bhanrigh agus dhan dùthaich fad grunn bhliadhnaichean," thuirt Mgr Ros.
Thuirt Ceannard Libearalaich Dheamocratach na h-Alba, Willie Rennie, gun robh am Prionnsa "inntinneach, uaireanan connspaideach, ach riamh dìleas do a mhnaoi, a' Bhanrigh, agus dhan dùthaich aige".
Thuirt Ceannard Pàrtaidh Alba, Ailig Salmond: "Gu pearsanta, fhuair mi gun robh am Prionnsa Philip na dhuine dìreach le eanchainn mhath fhosgailte."
Tha Uainich na h-Alba cuideachd air teachdaireachd fhoillseachadh a' cur an cèill cho duilich 's a tha iad.
Luaidh agus ùrnaighean
Thuirt an fheadhainn air cùl Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann gur e "duine air leth a bh' ann" agus na ghaisgeach don òighridh dhan tug e brosnachadh.
Thàinig teachdaireachd bho Mhodaràtair Eaglais na h-Alba, An t-Urramach Dotair Màrtainn Fair: "Tha bàs Dhiùc Dhùn Èideann a' toirt gu ceann linn ann am beatha ar nàisein.
"Tha an t-seirbheis a thug e seachad dhan dùthaich aig àm a' chogaidh, agus na rinn e dhan nàisean às dèidh sin, agus an taic a thug e do dh'iomadh buidheann agus cathrannas ann an gnìomhachas, foghlam, glèidhteachas agus spòrs air spionnadh a thoirt do mhòran."
Ann am brath-naidheachd bhon Eaglais Chaitligich ann an Alba thuirt an t-Easbaig Ùisdean Gilbert, Easbaig Obair Dheathain agus Ceann-suidhe Co-labhairt nan Easbaigean ann an Alba:
"'S e adhbhar mulaid a th' anns an naidheachd mu bhàs Dhiùc Dhùn Èideann do mhòran dhaoine, gu leòr ann an Alba nam measg. Mar Easbaig Obair Dheathain tha mi mothachail air na ceanglaichean a bh' aige le Siorrachd Obair Dheathain agus Ear-thuath na h-Alba."
"Nì mi ùrnaigh gus am bi sìth do anam agus gus am faigh an luchd-gràidh aige sòlas aig an àm dhuilich seo tro bhith a' cuimhneachadh air a bheatha fhada agus air an t-seirbheis phoblach a thug e seachad."

Chaidh na brataich ìsleachadh taobh a-muigh togalach na Comhairle ann an Steòrnabhagh
Tha ùghdarrasan ionadail cuideachd air a bhith a' dèanamh luaidh air a' Phrionnsa Philip.
Thuirt Fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Loban, gun robh an co-fhaireachdainn leis a' Bhanrigh agus an teaghlach rìoghail.
Chuir iad sìos na brataich taobh a-muigh prìomh-ofisean na comhairle ann an Inbhir Nis mar urram do Dhiùc Dhùn Èideann agus fuiridh iad aig leth-chrann gu 18:00 air là a thiodhlaigidh.
Mar an ceudna tha na brataich aig leth-chrann taobh a-muigh prìomh oifisean Comhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh.

Ann am brath-naidheachd thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, gun robh an smuaintean agus ùrnaighean leis an teaghlach rìoghail.
Thug an Comh. Dòmhnallach iomradh air na trì tursan a thàinig am Prionnsa chun nan eilean air cuairtean oifigeil leis a' Bhanrigh.
Thuirt e gum bu mhath leotha, às leth muinntir nan Eilean Siar, an co-fhaireachdainn a nochdadh don Mhorachd a' Bhanrigh agus an teaghlach rìoghail.