
Tha Kara air soirbheachadh aig geamannan nan Eilean roimhe.
Tha corra abairt bho fheadhainn a tha air cluich aig geamannan Olimpigeach a tha a' mìneachadh carson a tha gleans cho soilleir air an tachartas.
Do chuid, 's e seo an trusadh as doimhne airson àirdeachd spòrs a th' ann. Do chuid eile, seo an taisbeanadh as fheàrr a th' ann de mar as urrainn do spòrs a h-uile dùthaich agus spòrs a ruigsinn.
Ge b' e dè tha na geamannan a' samhlachadh do dhaoine, bha e na bhriseadh dùil gun robh iad air an cur dheth an-uiridh.
A dh'aindeoin seo, às dèidh dhi a bhith a' feitheamh airson còrr agus bliadhna, gheibh tè òg à Leòdhas an cothrom feuchainn air na geamannan Olimpigeach ann an Tokyo.
'S ann an t-seachdain seo a tha deuchainnean airson sgioba shnàimh Bhreatainn gu bhith a' dol ann an Lunnainn, agus tha Kara Hanlon ag amas air snàmh gu làidir ann an dà dheuchainn airson àite ann an Iapan a bhuannachadh.
Seo cothrom nach bi a' nochdadh ach a h-uile ceithir bliadhna. Is beag an t-iongnadh gu bheil ùidh aig mòran ann an iomadh spòrs ann a bhith a' nochdadh air an àrd-ùrlar spòrs as motha dhiubh air fad.
Chan ann air àrd-ùrlar ach anns an amar a bhios Kara ag amas a sgilean a thaisbeanadh, ach tha an cothrom sin a dhèanamh na aisling a dh'fhaodadh a bhith fìor ma thèid deuchainnean 100m agus 200m mar a tha Kara an dòchas.
Tha i fhèin mothachail air na bhiodh e a' ciallachadh nochdadh aig na geamannn. "Tha mi a' faireachdainn gu math fortanach leis gu bheil mi far a bheil mi.
"Tha fios agam gu bheil mòran a bhiodh ri snàmh fhathast às aonais chothroman tilleadh dhan amar.
"'S e tiodhlac a th' ann gu bheil cothrom agam rèiseadh, agus rèiseadh gu farpaiseach aige sin."
Ged a tha na geamannan - agus na deuchainnean airson faighinn gu na geamannan - gu bhith a' gabhail àite bliadhna nas anmoiche na bhathar an dùil air sgàth buaidh Chovid-19 air an t-Saoghal, tha an aon mheasgachadh de dh'fhaireachdainnean ann. Iomagain, ach toileachas. Teinnead, ach leis an sin ireapais.
Chan eil na mìosan a chaidh seachad ach air cur ris na faireachdainnean a tha sin. Chan e lagachadh, ach neartachadh de dh'fhaireachdainnean a tha air tighinn bho mhìosan de mhì-chinnt.
Tha an cothrom a bhith a' nochdadh ann an Iapan fhathast na smuain a tha a' dùsgadh mòr-iongnaidh. A rèir Kara i fhèin: "Bhiodh e doirbh a chur ann am faclan. Seo an t-seòrsa amais a tha aig iomadh neach. Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil an cothrom feuchainn ri fhaighinn ann cho faisg."

Chan eil ach dà dheuchainn eadar Kara agus Tokyo.
Do mhàthair Kara, Marilyn, tha na bhios a' tachairt an t-seachdain seo na chlach-mhìle. Ged tha a nighean air a bhith a' snàmh gu farpaiseach fad bhliadhnaichean, 's e seo beinn nas àirde na tha i air sreap a-riamh.
"Seo an rud a tha i air a bhith ag iarraidh bho thòisich i air snàmh. Tha i air a bhith a' snàmh airson tòrr bhliadhnaichean a-nis. Nam faigheadh i uairean a bha math…bhiodh i gu math toilichte faighinn seachad air an loidhne."
'S e slighe Kara slighe a tha a' dol air ais grunn bhliadhnaichean.
Sheall i tàlant ann an snàmh bho aois òig, agus le brosnachadh a teaghlaich chum an ùidh a bha sin air fàs.
'S ann ann an 2011 a nochd Kara aig Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean airson a' chiad uair.
Às dèidh farpais aig Geamannan Eilean Wight na bliadhna ud, nochd Kara aig geamannan Bermuda, Jersey, Gotland agus mu dheireadh Gibraltar ann an 2019. Tha a cuid eòlais agus cliù anns an spòrs air àrdachadh fhaighinn le gach seata de gheamannan.
Mar chathraiche sgioba Gheamannan nan Eilean aig na h-Eileanan an Iar, tha Norrie Dòmhnallach gu math eòlach air an t-slighe a tha Kara air a ghabhail. "Tha Kara air a bhith ag obair air seo bhon a bha i 13. Seo i, aig deireadh deich bliadhna, a' dèanamh deiseil airson trials na h-oilimpigs. Nach eil sin fhèin mìorbhaileach?"

Tha Norrie Dòmhnallach eòlach air slighe Kara.
Le bhith an sàs aig deuchainnean airson sgioba Bhreatainn, tha Kara mar thà air ìre gu math àrd a ruigsinn, an dà chuid dhi fhèin agus dha a coimhearsnachd. Seo rud a tha Norrie ag ràdh a bhios na dhìleab chudromach dha na h-eileanan.
"An rud a tha i air a' dhèanamh aig Geamanann nan Eilean againn fhìn, tha mi a' smaointinn gu bheil tòrr den fheadhainn òg againn fhìn a' faicinn cho math 's a tha i a' dèanamh agus 's e "role-model" a tha innte...Tha iad a' faicinn gun urrainn do neach bho na h-eileanan a bhith cho math ri sin."
Gun cheist, tha Kara air tòrr a dhèanamh anns an amar mar thà. Ach, Diardaoin agus Didòmhnaich na seachdain seo, leumaidh i dhan amar agus doras gu Tokyo aig deireadh an amair.
Nuair a tha i air a' faighneachd mu mar a biodh e a bhith ann an Tokyo dha-rìribh, tha Kara a' stad airson diog agus a' freagairt.
"Chan urrainn dhomh ach a dhealbhachadh mar rud a bhiodh na phribhleid."
Pribhleid 's dòcha, ach tha Kara air a cothom a' phribhleid sin a bhuannachadh fhaighinn mar thà. Tha i air cliù a chosnadh thar 10 bliadhna anns an amar. Bidh i an dòchas na deich bliadhnaichean a tha sin a chrùnadh le taisbeanadh làidir ann an Lunnainn an t-seachdain seo.