Kara Hanlon ag amas air Tokyo

Tha làithean trang air thoiseach air cuid den luchd-snàimh as fheàrr ann am Breatainn an t-seachdainn seo, agus deuchainnean Sgioba GB airson na geamaichean Oilimpigeach a' dol air adhart.

Nam measg bidh Kara Hanlon à Leòdhas, a th'air soirbheachadh aig geamaichean nan eilean, agus a tha a-nis an dòchas feuchainn ann an Tokyo.

Fhuair Ruairidh Alastair MacIllinnein facal oirre.