
Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar agus Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd air pàrtaidhean poileataigeach na-Alba gealltannas a thoirt seachad, air thoiseach air an taghadh, gun dèan iad rudeigin mun èiginn le cion taigheadais sna sgìrean aca.
Thuirt an dà chuid Ruairidh MacAoidh agus Mairead NicDhaibhidh gu bheil dragh mòr orra gu bheil gainnead thaighean a' fàgail nach eil roghainn eile aig daoine òga ach na sgìrean fhàgail.
Dh'innis iad gu bheil taighean air prìs reusanta riatanach airson coimhearsnachdan a ghlèidheadh.
Sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha àrdachadh mòr air tighinn air na tha de thaighean saor-làithean sna h-eileanan agus sa cheann a tuath.
A bharrachd air an sin, chaidh prìsean thaighean an-àirde air sgàth na tha de dhaoine a thig a dh'fhuireach às a' bhaile mhòr neo a th'air dàrna taigh a cheannach, agus chan urrainn do mhòran dhaoine air beag-thuarastail san sgìre farpais riutha.
Coimhearsnachdan fallainn
Tha an Comhairliche MacAoidh ag ràdh gu bheil e riatanach gum faighear taighean air màl neo rin ceannach air prìs reusanta ma tha coimhearsnachdan gu bhith buan sna h-Eileanan an Iar.
"'S e aon de na dùbhlain as motha a dh'fhaodadh a bhith againn san àm ri teachd daoine òga aig aois obrach a chumail san sgìre, agus gum bi e comasach do dhaoine a thogadh sna h-eileanan tighinn air ais a dh'fhuireach ann.
"Airson agus gun tachair sin tha sreath rudan a dhìth agus tha taigheadas air prìs reusanta nam measg.
"Cluinnidh sinn bho mhòran den òigridh cho doirbh 's a tha e dhaibh a' chiad taigh aca a cheannach, agus tha sinn an dòchas gum biodh an riaghaltas a' toirt aire dhan sin.
Fuasgladh a dhìth
Tha an Comhairliche NicDhaibhidh a' toirt rabhadh gur ann am miosad a thèid staing an taigheadais mura tèid mòran bharrachd thaighean saora a thogail.
"Tha margaidh an taigheadais gu math fallainn againn leis an àireamh dhaoine a th'airson gluasad chun na sgìre à ceann a deas na dùthcha.
"Aig a' cheart àm tha barrachd thaighean gan leigeal a-mach air màl do luchd-turais.
"Tha sinn a' dèanamh ar dìchill taighean saora a thabhann, chan eil sin gu leòr airson dèiligeadh ris an iarrtas a th'ann."