Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn mu Mhanifesto an SNP.
Gheall Nicola Sturgeon àrdachadh "cruth-atharrachail" a thoirt air maoineachadh dhan NHS ma nì an SNP a' chùis ann an Taghadh Holyrood an ath-mhìos.
A' bruidhinn agus i a' cur manifesto a' phàrtaidh air bhog, thuirt Ms Sturgeon gun àrdaichear maoineachadh do phrìomh sheirbheisean an NHS co-dhiù 20% thar an ath-chòig bliadhna - £2.5bn uile gu lèir, thuirt i.
Dh'iarr ceannard Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba a-rithist gun deadh referendum eile air neo-eisimeileachd a chumail san ath-sheisean den phàrlamaid.
Faodar am manifesto a leughadh an seo, taobh a-muigh
Thuirt i ge-tà, gur e "dearmad dleastanais" a bhiodh ann sin a dhèanamh tron Phandemic.
Tha am manifesto cuideachd a' gealltainn prògram in-ionmhais £10bn ann an goireasan an NHS, agus àrdachadh co-dhiù 25% ann am maoineachadh sheirbheisean slàinte-inntinn.
Ann an òraid a thug i seachad agus am manifeston ga fhoillseachadh, thuirt Ms Sturgeon gu bheil pandemic a' Choròna-bhìorais "air beatha mar as aithne dhuinn i a chur bun os cionn".
Ach thuirt i gun cuireadh a pàrtaidh air adhart molaidhean a tha "dòchasach gun nàire" a "thogadh nàisean nas fheàrr" seach a bhith a' tilleadh gu mar a bha cùisean roimhe.
Thuirt i gur e a bh' anns a' mhanifesto ach "prògram dha-rìribh airson amannan dha-rìribh".
"Ma thèid an SNP a thaghadh às ùr, cleachdaidh sinn ar cuid eòlais gus làn-chruth-atharrachadh a thoirt air an NHS an dèidh a' Phandemic," thuirt Ms Sturgeon.
"Tha maoineachadh dhan NHS mar thà nas àirde na bha riamh. Ach tha am Pandemic air cuideam sònraichte a chur air an NHS againn - agus feumar sin a fhreagairt ann an dòigh shònraichte.
"Thar na h-ath-phàrlamaid, àrdaichidh sinn maoineachadh do phrìomh sheirbheisean an NHS co-dhiù 20%. Bheir sin £2.5bn a bharrachd do sheirbheisean slàinte riatanach - cha mhòr a dhà uimhir 's na gheibheadh i le àrdachadh na h-atmhorachd a-mhàin."
"Mearachdan"
Dh'aidich am Prìomh Mhinistear gun robh an riaghaltas aice air mearachdan a dhèanamh nam freagairt do Chovid-19, ach thuirt i gun deach ionnsachadh bho na mearachdan sin.
"O chionn bliadhna, thàinig oirnn obrachadh gu luath gun an t-eòlas a th' againn a-niste mun bhìoras, agus gun chothrom sùil air ais a thoirt air a' chùis.
"Tha fhios agam nach robh a h-uile co-dhùnadh a rinn sinn ceart, ach tha sinn air ar làn-dìcheall a dhèanamh, agus air ionnsachadh bho na thachair.
"'S e am measgachadh den dealas agus an t-eòlas a tha sin a tha mise a' creidsinn a tha riatanach dha na h-amannan seo".
Tha manifesto a' phàrtaidh cuideachd a' gealltainn:
£500m a bharrachd gus taic a chur ri cosnaidhean ùra uaine agus gus daoine ath-thrèanadh mu choinneimh chosnaidhean san àm ri teachd.
£33bn de dh'in-ionmhas do phròiseactan bun-structair thar an ath-chòig bliadhna, agus 100,000 a bharrachd thaighean air prìs reusanta a thogail san ath-dheich bliadhna.
Reothadh a thoirt air ìrean cìs an teachd a-steach tron ath-phàrlamaid.
Gealltanas don òigridh air àite ann an oilthigh no colaiste, preantasachd, obair, trèanadh no greis gnìomhachais, no prògram foirmeil saor-thoileach.
Sochair Cloinne na h-Alba a dhùblachadh bho £10 gach seachdain airson gach pàiste ann an teaghlach air beag-thuarastal gu £20 gach seachdain.
Siubhal an asgaidh air a' bhus do dhaoine nas òige na 22, agus ScotRail a thoirt air ais dhan roinn phoblaich.
Thuirt Ms Sturgeon cuideachd gun gluaiseadh an riaghaltas aice "a dh'ionnsaigh rud ris an canar gealltanas bun-tuarastail".
Thuirt i gur e a' chiad cheum air an t-slighe sin tomhas neo-eisimeileach a dhèanamh air na tha a dhìth air daoine air a' char as lugha airson tighinn beò.
"Aithnichidh sinn an uair sin mar a ghabhas na cumhachdan a th' againn an-dràsta cleachdadh a thaobh tèarainteachd shòisealta, a thuilleadh air na tha sinn a' cur a-steach gu obair chothromaich, cùram cloinne agus seirbheisean poblach gus dèanamh cinnteach gun tig daoine a rèir nan inbhean teachd-a-steach seo.
"Cuiridh sinn bun-stèidh sìos airson Tuarastal Bunaideach Shaoranach nan roghnaicheadh Alba a dhol neo-eisimeileach agus na cumhachdan cìse agus tèarainteachd shòisealta fhaighinn a bhiodh a dhìth airso sin a thoirt gu buil.
Referendum
A thaobh dàrna referendum air neo-eisimeileachd, thuirt Ms Sturgeon gun robh e "deatamach" gum faigh daoine a tha a' fuireach an Alba an cothrom co-dhùnadh a dhèanamh air na tha iad ag iarraidh san àm ri teachd.
Ach thuirt i nach robh i a' moladh referendum a chumail fhad 's a tha an dùthaich fhathast a' strì ri èiginn Chovid.
"B' e dearmad a bha sin air mo dhleastanas mar phrìomh mhinistear m' aire iomlan a thoirt air ar stiùireadh tron èiginn a tha seo.
"Ach b' e dearmad air an dleastanas a th' orm mar phrìomh mhinistear a bh' ann cuideachd - dleastanas dhan ghinealach seo agus ginealaichean ri teachd - a bhith a' leigeil le Westminster Alba a stiùireadh cho fad sìos an rathad ceàrr 's nach eil roghainn againn tuilleadh cùrsa atharrachadh.
"'S e mo bharail gur iad muinntir na h-Alba a bu chòir co-dhùnadh a dhèanamh air na tha an dàn do dh'Alba tro referendum anns an ath-sheisean den Phàrlamaid."