Cead do leudachadh Chiseoirn

  • Air fhoillseachadh
Doca tioram ChiseoirnTùs an deilbh, Colin Keldie

Chaidh cead a thoirt do phlana airson leudachadh a thoirt air an doca thioram aig Gàrradh Chiseoirn air taobh siar Rois.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith a' ghàrraidh, Port Chiseoirn Eta, ag ràdh gum fàg an leudachadh an doca 50% nas motha na tha e an-dràsta, a' ceadachadh dhaibh structaran mara nas motha a dhì-choimiseanadh, a' gabhail a-steach luing suas ri 250 meatar (820tr) de dh'fhaid.

Feumar earrann den mhòintich ri taobh an doca a ghearradh a-mach, a' toirt air falbh mu 400 meatar ciùbach de chreig.

Tha dùil gun tèid 40 cosnadh ùr a chruthachadh air an làraich, a bha a' toirt cosnaidh do chòrr air 3,000 duine sna 1970an 's iad a' togail Clàr-ola Ninian.

"Chan ann tric a thig pròiseact air adhart a chruthaicheas 40 cosnadh," thuirt an Comh. Maxine Morley Smith, cathraiche Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath.

"40 deagh chosnadh cuideachd, a thuilleadh air a' chosnadh leantainneach san sgìre mun cuairt.

"Leis gu bheil an gàrradh ann mar thà, chan eil ann ach atharrachadh air an rud fhèin, tha mi gu mòr air a shon.

"Saoilidh mi, le bhith cothromach, gun gabh fuasgladh fhaighinn airson rud sam bith air an robh duine a' gearain, leis na bheir seo de bhuannachd don eaconomaidh," thuirt i.

Bha dragh air cuid mun bhuaidh a bheireadh an obair air rathaidean na sgìre, ach thuirt an Comh. Morley Smith gu bheil i misneachail gun dèilig an gàrradh ri sin gu h-iomchaidh.