
Tha luchd-iomairt a' sireadh ghealltanasan mu phlanaichean na compananaidh InfraStrata 'son Ghàrradh Àranais ann an Leòdhas.
Thàinig e am bàrr sa Ghearran gun robh InfraStrata air Àranais agus Gàrradh Methil ann am Fìobha a ghabhail os làimhe.
Chaidh BiFab, a bha a' stìuireadh nan gàrraidhean seo agus Gàrradh Burntisland, ann an rianachd an-uiridh.
Dh'innis InfraStrata an t-seachdain seo chaidh gu bheil Methil gus fosgladh às ùr is iad air cùmhnant fhaighinn gus uidheamachd a thogail 'son pròiseact Neart na Gaoithe.
Thèid 290 obair a chruthachadh ann am Methil is chaidh innse gur dòcha gun tig obraichean co-cheangailte ris a' phròiseict a dh'Àranais.
Chuir a' bhuidheann iomairt Gnìomh airson Àranais fàilte air a' chùmhnant ach thuirt iad gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas e gun tig obair shusbainteach a Leòdhas.
"Bìdeagan"
Thuirt iad nach eil iad idir 'son tilleadh gu suidheachadh nuair nach robh Àranais a' faighinn ach cùmhnantan beaga bho na gàrraidhean eile.
"Bidh sinn toilichte le obair sam bith fhaighinn a-steach dhan ghàrradh", thuirt cathraiche Gnìomh airson Àranais, Iain MacLeòid.
"Ach feumaidh sinn coimhead a-mach is feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tèid e air ais dhan t-suidheachadh anns an robh e nuair a bha BiFab a' ruith a' ghàrraidh, le obair ann is an uairsin ùine gun obair is nach robh sinn a' faighinn càil ach bìdeagan à gàrraidhean eile", thuirt e.
Thuirt e gu bheil Gnìomh airson Àranais airson coinneachadh ri InfraStrata anns na seachdainnean ri tighinn 'son faighinn a-mach dè dìreach na planaichean a th' aca 'son Àranais, is an tig pàirt den obair 'son a' chùmhaint ùir dhan ghàrradh.
Thuirt e gun do dh'innis InfraStrata dhaibh roimhe gun robh iad an dòchas eadar 20 is 30 duine fhastadh ann an Àranais sa chiad dol a-mach as t-samhradh, is an àireamh sin a' leudachadh a rèir 's dè an obair a bhiodh ann.
Dh'innis Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil còmraidhean a' leantainn eadar InfraStrata agus HIE, leis a bheil Àranais, is gu bheil e an dòchas gum bi an cùmhnant eadar an dà bhuidhinn a' dèanamh cinnteach gun tig obair a Leòdhas.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An Dùbhlachd 2020
