
Dhearbh Oifis a' Chrùin nach bi Rannsachadh Tubaist Bàsmhor ann mu mar a chaill dithis fhireannach am beatha ann an teine aig taigh-òsta Chameron House.
Chaochail Simon Midgley agus Richard Dyson à Lunnainn anns an teine aig an taigh-òsta air taobh Loch Laomainn san Dùbhlachd 2017.
Thòisich an teine nuair a chuir fear den luchd-obrach baga luaithre ann am preas.
Chaidh càin £500,000 a chur air Cameron House airson fàiligidhean às an do dh'èirich an teine, agus òrdugh coimhearsnachd air Christopher O'Malley airson Achd na Slàinte is na Sàbhailteachd san Àite-obrach a bhriseadh.
Dh'innis Oifis a' Chrùin ge-tà, nach eil feum air Rannsachadh Tubaist Bàsmhor oir fhuaireadh dearbhadh mar-thà air dè dh'adhbharaich bàs nam fear.
Ionnsachadh
Thuirt iad gun obraich seirbheis na smàlaidh le roinn na h-aoigheachd gus ionnsachadh bhon rannsachadh a bh' ann.
Dh'innis iad cuideachd gun do bhruidhinn iad ri teaghlaichean Simon Midgley agus Richard Dyson mus deach co-dhùnadh a dhèanamh.
Thuirt màthair Mhgr Midgley, Jane, gun iarr i ath-sgrùdadh mun cho-dhùnadh.
"Tha mi troimhe-chèile is tha mi feargach".
"Tha mi airson barrachd fhaighinn a-mach mu dè thachair an oidhche sin agus gun tèid leasanan ionnsachadh. Tha tòrr ri ionnsachadh.
"Tha e ro fhadalach airson nam balach ach bu chòir dhuinn seo a dhèanamh 'son daoine eile", thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An Giblean 2021
