Oidhche mhòr 'son ICT

  • Air fhoillseachadh
Daniel MacAoidhTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh ICT an dòchas gum bi Daniel MacAoidh air ais air an targaid.

Tha geama cho mòr 's bh' aca fad an t-seusain aig Caley Thistle Inbhir Nis oidhche Mhàirt is iad a' cur fàilte air Dùn Dè.

Leis an t-seusan a' tighinn gu ceann, bheireadh trì puingean ICT air ais a-steach dha na h-àiteachan play-off is dìreach puing air chùl Dhùn Dè fhèin.

Nan cailleadh Inbhir Nis ge-tà, bhiodh na tha an dàn dhaibh a-mach às an làmhan fhèin is bhiodh Dùn Dè iad fhèin cinnteach air àite play-off.

Ged a chaidh Caley Thistle a-mach à Cupa na h-Alba an aghaidh St Mirren oidhche Haoine, bha iad air a dhol ochd geamaichean gun call roimhe.

Comasach

Thuirt am manaidsear eadar-amail aca, Neil McCann, gu bheil an sgioba fhathast làn misneachd a dh'aindeoin is mar a thàinig an sreath sin gu ceann.

"'S e briseadh-dùil a bh' ann oidhche Haoine ach nuair a thug sinn sùil air ais air a' gheama bha sinn air ar misneachadh gu mòr. Sheall e dhomh gu bheil sinn comasach air ceann a' mhaide a chumail ri sgioba sam bith", thuirt McCann.

"Ged nach do rinn sinn adhartas sa chupa, tha mise a' smaointinn gun robh sinn nas fheàrr na St Mirren air an oidhche agus neartaich e am beachd a th' againn gun urrainn dhuinn an gnothach a dhèanamh air sgioba sam bith san lìog seo", thuirt e.

Dh'aidich e gur e geama fìor mhòr a bhios ann oidhche Mhàirt is an dà sgioba mothachail gu bheil cothrom aca an suidheachadh a neartachadh.

Dùn DèTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha seusan measgaichte aig Dùn Dè thuige seo.

Dh'innis McCann nach eil trioblaidean sam bith ùra aige a thaobh chluicheadairean a tha air an goirteachadh.

"'S e sgìths an aon rud nuair a tha sinn a' cur na h-uimhir a-steach dhan a h-uile geama.

"Tha sinn a' bruidhinn ris na cluicheadairean 'son a bhith cinnteach gu bheil iad a' faireachdainn math oir cha dèan e feum sam bith dhuinn cuideigin a bhith againn aig 75% no 80%.

"Feumaidh sinn a h-uile duine a bhith aig an ìre as àirde is sin na tha sinn air a bhith a' faighinn thuige seo", thuirt e.

Làidir

Tha Dùn Dè fhèin mothachail air cho cudromach 's a tha an geama is iad fhathast ag amas air an dàrna àite, rud a bheireadh dhaibh slighe beagan na bu fhàbharaiche anns na geamaichean play-off.

"Chan e seusan air leth a th' air a bhith againn ach tha sinn fhathast ann an suidheachadh làidir a thaobh na play-offs a ruighinn agus a dhol suas dhan Phrìomh Lìog", thuirt an cluicheadair aghaidh aca, Alex Jakubiak.

"Tha sinn ag amas air a' gheama seo a bhuannachadh is sin mar a dh'fheumas sinn ullachadh 'son a h-uile geama a-nise", thuirt e.

Tòisichidh an geama aig 7f is gheibhear fios air mar a thèid coimhead air an seo, taobh a-muigh.