
Thàinig air pìleat itealain bhig laighe ann an èiginn air tràigh ann an Diùra feasgar Dimàirt.
Cha deach am pìleat, a bha leotha fhèin air bòrd, a ghoirteachadh.
Chaidh sgioba mhaor-cladaich an eilein a thoirt chun na làraich air taobh siar an eilein nuair a chaidh fios a chur orra aig 3:00f.
"Ri linn cho doirbh 's a tha e faighinn dhan làraich, chaidh co-dhùnadh an sgioba a thoirt ann le heileacoptair gus an t-àite a dhèanamh sàbhailte agus an sprùilleach a ghluasad os cionn an làin," thuirt an sgioba air an duilleig Facebook aca.
Bha sgioba teasairginn nam Maor-Cladaich agus heileacoptair teasairginn Phreastabhaig air eacarsaich trèanaidh san sgìre.