
Thuirt Ailig Salmond gur e am pàrtaidh ùr aige, Pàrtaidh Alba, an aon phàrtaidh a tha dha-rìribh mu neo-eisimeileachd do dh'Alba, 's e a' foillseachadh manifesto an taghaidh aca.
Tha an seann Phrìomh Mhinistear ag amas air "sàr-mhòr-chuid" fhaighinn ann am Pàrlamaid na h-Alba airson neo-eisimeileachd, 's e ag ràdh gu bheil "plana ceart" aca airson neo-eisimeileachd a thoirt gu buil.
Thuirt e nach e pàrtaidh aon chùiseach a th' ann, 's am manifesto a' cur an cèill phoileasaidhean a thaobh phrìomhachasan eile.
Faodar am manifesto slàn a leughadh an seo, taobh a-muigh
Chan eil Alba a' cur air adhart thagraidhean sam bith sna roinnean-taghaidh, 's iad a' seasamh air an liosta sgìreil a-mhàin 's iad an dòchas dàrna bhòt luchd-taic an SNP fhaighinn.
Thuirt Mgr Salmond nach eil Pàrtaidh Alba an dùil riaghaltas a stèidheachadh, ach gu bheil iad airson a bhith "ann an suidheachadh far an toir iad air an Riaghaltas gluasad nas fhaide na ghluaiseadh iad" às an aonais.
Thuirt e gum biodh Pàrtaidh Alba mar "ghuth iomairt na neo-eisimeileachd anns a' Phàrlamaid, gus dèanamh cinnteach nach deadh an còrr chnogan a bhreabadh sìos an rathad".
Gheall e gun obraich am pàrtaidh le pàrtaidh sam bith a tha "gu follaiseach a' tuigsinn cho èiseil 's a tha a' chùis" - ach gun cuireadh iad "cudrom mòr" air feadhainn nach eil.
Tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tòiseachadh sa bhad air còmhraidhean le Riaghaltas Bhreatainn gach cuid air referendum eile a chur air dòigh, agus cuideachd air cùmhnantan na neo-eisimeileachd.
Ma dhiùltas Riaghaltas Bhreatainn cead foirmeil a thoirt seachad airson referendum eile tro Òrdugh Earrann 30, feumaidh Riaghaltas na h-Alba "bile referendum a chur troimhe le cabhaig, 's a bhith deiseil sabaid sna cùirtean ma tha sin a dhìth".
Tha am Manifesto cuideachd a' moladh "cuideam dioplòmasach a chleachdadh, a thuilleadh air iomairtean lagha eadar-nàiseanta, agus sluagh na h-Alba a thoirt a-mach tro thogail-fianais shìtheil agus gnìomh dìreach" airson referendum fhaighinn.
Am measg prìomh ghealltanasan a' mhanifesto, tha:
Bun-reachd sgrìobhte do dh'Alba neo-eisimeilich
Breacaist agus diathad an asgaidh ann an sgoiltean-àraich, bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean a' cleachdadh "sàr-bhiadh Albannach air a cheannach leis an Riaghaltas, le clàran-bìdhe air an cruthachadh le prìomh chòcairean is biadh-eòlaichean na h-Alba"
Buidheann-chorporra Nàiseanta Ath-nuadhachail Albannach a chruthachadh a mhaoinicheadh an eaconomaidh a ghluasad air falbh bho chàrbon
Calpa bho Banca In-ionmhais Nàiseanta na h-Alba a chur am feum gus taigheadas sòisealta agus pròiseactan bun-structair eile a mhaoineachadh
Seanadh Shaoranach a chur air bhonn airson "rèite fhaighinn eadar co-ionnanachd agus còraichean daor-cheannaichte bhoireannach"