Naidheachdan 11:00m
Prìomhaire
Thuirt Ministear Gnothachais nan Làbarach, Lucy Powell, gur gann a chreideas i gun do gheall am Prìomhaire, Boris Johnson, saobhadh ann an riaghailtean cìse dhan fhear-ghnothaich, Sir James Dyson. Tha e air tighinn am follais gun do dh'iarr esan dearbhadh sa Mhàrt an-uiridh nach tigeadh tuilleadh chìsean air a' chompanaidh aige, a tha stèidhichte ann an Singapore, nam faigheadh iad cùmhnant 'son innleachd analach dhan NHS. Thuirt Sir James nach robh anns a' chòmhradh ri Mgr Johnson ach oidhirp air cumail ris na riaghailtean, agus thuirt an Riaghaltas gun robh sin deatamach aig àm èiginn nàiseanta.
George Floyd
Chuir luchd-lagha do theaghlach George Floyd fàilte air dìteadh 'son a mhuirt mar thionndadh ann an eachdraidh. Cho-dhùin diùraidh ann am Minneapolis gun do mhuirt Derek Chauvin, a bha na oifigear poilis aig an àm, an duine dubh sa Chèitean an-uiridh an dèidh a ghlùin a chumail air amhach 'son naoi mionaidean.
Patricia Gibson
Chaidh fàgail air tè de bhuill an SNP ann an Westminster gun do rinn i sàrachadh feiseil. Thuirt Patricia Gibson nach eil bunait no fìrinn sna casaidean 'sin. 'S ise ball-parlamaid Shiorrachd Àir a Tuath agus Eilein Arainn bho 2015. Thuirt an SNP nach can iad dad ach gu bheil còir aig a h-uile duine sa phàrtaidh air dèiligeadh gu prìobhaideach an toiseach ri casaidean den t-seòrsa sin.
Alba
Tha Ailig Salmond a' foillseachadh manifesto a' phàrtaidh, Alba, aige an-diugh le teachdaireachd gun cuir mòr-chuid làidir ann am Pàrlamaid na h-Alba 'son neo-eisimeileachd agus an dàrna referendum tuilleadh cudroim air Boris Johnson. Canaidh an t-seann Phrìomh Mhinistear nach e roghainn, seach ath-bheothachdh, a tha ann an neo-eisimeileachd ach nach bi ath-bheothachadh ceart ann às aonais.
Deuchainnean
Thuirt Àrd-Oifigeach NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson gur e minseachd, a bharrachd air na riaghailtean a th' ann mar-thà, a th' ann an deuchainnean Covid do dhaoine a tha an dùil siubhal dha na h-Eileanan nuair a thèid bacaidhean a thogail Diluain seo tighinn. Tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh air a h-uile duine a tha am beachd siubhal dha na h-Eileanan dà dheuchainn lateral flow a dhèanamh ro làimh. Thuirt Gordon Jamieson gu bheil dleastanas air luchd-siubhail sin a dhèanamh.
Liverpool
Dh'iarr luchd-gnothaich dham buin Liverpool, còmhla ris an fheadhinn a tha os cionn Arsenal agus Spurs, an leisgeul a ghabhail 'son am pàirt san oidhirp air Super League Eòrpach a stèidheachadh. Tharraing na sia sgiobannan Sasannach a-mach an-raoir às a' phlana, a tha a' tuiteam às a chèile, an dèidh àr-a-mach a rinn luchd-taic, cluicheadairean agus an Riaghaltas.