
Tha staing Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn le bàtaichean-aiseig a' sìor dhol nas miosa is trioblaid ùr air nochdadh.
Dh'innis a' chompanaidh madainn Diardaoin gun tàinig air an MV Clansman tilleadh dhan Òban air sgàth thrioblaidhean teicnigeach a thòisich air an t-slighe a Cholla agus Thiriodh.
Dh'innis CalMac nach bi an tuilleadh sheòlaidhean ann air an t-slighe Diardaoin.
Gheibhear fiosrachadh mar chlàr-ama Dihaoine an seo, taobh a-muigh.
Tha a' chompanaidh gann de bhàtaichean co-dhiù, agus an MV Loch Seaforth le einnsean briste san doc, rud a tha a' toirt buaidh air grunn sheirbheisean eile.
Mì-thoileachas
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo gu bheil CalMac air muinntir nan Eilean Siar a leigeil sìos, 's nach eil am bàta-bathair a tha iad a' cur an sàs fhad 's a tha an MV Loch Seaforth briste, an MV Isle of Arran, math gu leòr.
Dh'fhàg gluasad an MV Isle of Arran cuideachd gun deach an t-seirbheis eadar Àird Rosain is Ceann Loch Chille Chiarain a chur dheth.
Thuirt CalMac gu bheil iad ag obair gus seirbheisean bathair deatamach a ghlèidheadh do na h-Eileanan an Iar, agus gun deach prìomhachas a chur air seo seach slighean eile san lìonra.
A bharrachd air seo, chaidh pàirt den t-seirbheis eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair a ghearradh cuideachd agus trioblaid leis an MV Coruisk.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Giblean 2021

- Air fhoillseachadh21 An Giblean 2021
