Naidheachdan 11:00m
Riaghailtean
Tha taighean-bìdh, taighean-seinnse, bùthannan agus diomaichean a' fosgladh ann an Alba an-diugh an dèidh ceithir mìosan de ghlasadh, ach le riaghailtean teann ann fhathast mu reic deoch-làidir agus astarachadh sòisealta. Chaidh tuilleadh den chasg air siubhal a thogail cuideachd le saorsa ann a-niste siubhal eadar Alba agus pàirtean eile den Rìoghachd Aonaichte.
Sgrùdadh
Chaidh innse do theaghlaichean a chaill càirdean ri Covid-19 nach bi rannsachadh ann a' chiad ghreis mun dòigh san deach an galar a làimhseachadh. Thuirt luchd-lagha ann an Whitehall nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air chomas aig an àm seo stòras agus aire a ghluasad bhon phandemic gu rannsachadh farsaing. Gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, roimhe seo gum bi rannsachadh Albannach ann ro dheireadh na bliadhna seo.
Am Prìomhaire
Chaidh Rùnaire an Dìon, Ben Wallace, às àicheadh gu làidir aithris ann am pàipear-naidheachd gun tuirt Boris Johnson gum b' fheàrr leis 'cuirp a chàrnadh nam mìltean' seach an treas lockdown òrdachadh. Cuiridh comataidh pàrlamaid ceistean air Ceannard na Seirbheis Catharra, Simon Case, feasgar an-diugh mu chuid de na casaidean a tha an seann fhear-comhairleachaidh aige, Dominic Cummings, a' fàgail air a' phriomhaire. Agus tha na Làbaraich a' sìor cur cuideim air Boris Johnson mu chosgais sgeadachaidh na flat aige ann an Sràid Downing.
Aiseagan
Thuirt Comann Comhairlean Coimhearnsachd Uibhist gur e sgainneal nàiseanta th' ann an seirbheisean aiseig nan Eilean Siar le buaidh nam bàtaichean a' bristeadh sìos. Thuirt an t-òstair Brian Currie, a tha na chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Bhàgh a' Chaisteil, nach eil Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' toirt feairt air munntir nan sgìrean air am bu choir dhaibh a bhith a' frithealadh.
Oifis a' Phuist
Dh'fhàg seann àrd-oifigear Oifis a' Phuist a dreuchdan poblach an dèidh na sgainneal IT san deach ceudan de mhaighstirean puist a dhìteadh gu ceàrr. Tha Paula Vennells a' cur cùl ri bùird stiùiridh Morrisons agus Dunelm agus a h-obair mar mhinistear san Eaglais Shasannaich.