Cèilidhean Covid na Comhairle a' tighinn gu ceann

  • Air fhoillseachadh
Willie Caimbeul, Calum Màrtainn agus Iain MacÌomhairTùs an deilbh, Fiona Rennie 2018
Fo-thiotal an deilbh,

Willie Caimbeul, Calum Màrtainn agus Iain "Costello" MacÌomhair

'S e iomairt Covid a th' anns na cèilidhean aig Comhairle nan Eilean Siar a h-uile oidhche Haoine.

Bha a' chiad chonsairt beò air-loidhne sa Mhàrt 2020 agus bidh am fear mu dheireadh ann Dihaoine ann an cuideachd an triùir luchd-ciùil as motha a chùm na cèilidhean a' dol sa bhliadhna a dh'fhalbh.

Bidh Calum Màrtainn, Willie Caimbeul agus Iain "Costello" MacÌomhair a' seinn measgachadh de dh'òrain Ghàidhlig a bharrachd air òrain de sheòrsa eile.

Tha a' chuirm a' toirt gu ceann bliadhna san deach 60 cèilidh a chumail.

Coimhearsnachd, cuideachd, craic agus ceòl

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad airson taing a thoirt dhan luchd-ciùil agus do na daoine bho air feadh an t-saoghail a bha san èisteachd gach seachdain, le còrr agus millean sealladh sa bhliadhna.

Thuirt Calum Màrtainn: "'S e urram mòr a th' air a bhith ann taic a thoirt dha na cèilidhean agus a bhith an luib còmhlain de luchd-ciùil cho tàlantach, leis an dòchas gun tog sinn inntinn dhaoine gach seachdain."

Thuirt Iain "Costello" MacÌomhair gum biodh e math nan robh cothrom ann cumail a' dol le cèilidhean air-loidhne ann an cruth eile do dhaoine do bheil e duilich an taigh fhàgail.

"Tha grunn bhliadhnaichean on b' àbhaist cèilidhean taighe a bhith ann ach ann an dòigh tha a' Chomhairle air ath-bheòthachadh a thoirt air a' chleachdadh sin leis a' chèilidh aca a h-uile oidhche Haoine.

"B' fhiach an iomairt seo gu mòr agus thug e aoibhneas do gu leòr tro èiginn Chovid."

Tha Willie Caimbeul a' coimhead air adhart ris a' chèilidh air an 30mh den Ghiblean ged a tha e brònach gur e an tè mu dheireadh a bhios ann.

"Seachdain às dèidh seachdain tha air a bhith iongantach fhaicinn na tha de luchd-coimhid a th' air a bhith ann. 'S e urram a bh' ann a bhith an sàs ann agus bu mhath leam meal an naidheachd a chur air a' Chomhairle airson mar a thug iad daoine cruinn tro àm dhuilich."

Am measg an luchd-ciùil eile a ghabh pàirt sna cèilidhean bha: Iain "Spanish" MacAoidh, Iain "Tosh" Mac an Tòisich, Charlie Clark, Else is Gary Mac an t-Sagairt, Seumas Stiùbhart, Norrie "Tago" MacÌomhair, Rosie Sullivan, Ceitlin Lilidh, Donnie "Large" Dòmhnallach, Josie Duncan, Ado is Hans, Brian Ó hEadhra is Fionnag NicChoinnich, Chloe Steele, Claire Frances NicNèill agus Lisa NicNèill.