
Tha NHS nan Eilean Siar an dùil gum bi a h-uile duine anns na h-Eileanan air a' chiad dòs de bhanachdach ron Choròna-bhìoras fhaighinn ro dheireadh na seachdain seo tighinn.
Aig coinneimh den bhòrd Diciadain chaidh innse gun d'fhuair sgìrean eileanach cead bhon Riaghaltas a' bhanachdach a sgaoileadh cho luath agus is urrainn dhaibh.
Dh'innis Àrd-Oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gun robh iad air cha mhòr 30,000 dòs den bhanachdaich a thoirt seachad - cha mhòr 18,000 a' faighinn a' chiad dòs, agus 10,000 air an dàrna dòs fhaighinn.
Tha iad a-niste ag amas air a' chòrr den t-sluagh.
Dh'iarradh iad air daoine a tha deònach taic a thoirt dhaibh ann a bhith a' toirt seachad na banachdaich.
Coltach ris a' chòrr den dùthaich, cha tèid banachdach Oxford AstraZeneca a thoirt do dhuine sam bith a tha 29 bliadhna de dh'aois no nas òige.
Tha iad ag iarraidh air daoine nas sine na 18 tighinn air adhart airson banachdach Pfizer fhaighinn.