Naidheachdan 11:00m

Banachdaichean

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil aon dòs de bhanachadh Covid-19 a' gearradh gu faisg air leth cunnart truaillidh. Tha Slàinte Phobaill Shasainn, a rinn an rannsachadh, ag ràdh nach eil feadhainn a fhuair banchachdach Oxford/AstraZeneca no Pfizer faisg cho buailteach an bhìoras a thoirt do dhaoine san aon dachaigh riutha, nach d' fhuair banachdach.

Na h-Innseachan

Chaidh còrr is dà cheud mìle bàs a chlàradh anns na h-Innseachan far a bheil an coròna-bhìoras a' sgapadh an dàrna uair. Tha e coltach gu bheil an àireamh cheart gu math nas motha na sin agus siostam slàinte na dùthcha a' dol fodha. Chan eil ann ach cealla-deug bho thuirt an riaghaltas anns na h-Innseachan gu robh Covid fo smachd aca.

Am prìomhaire

Tha dùil gun cur buill-phàrlamaid ceistean cruaidhe air Boris Johnson an-diugh mu cò a phàigh cosgais sgeadachaidh na flat aige ann a Sràid Downing. Tha na Làbaraich ag iarraidh mìneachadh soilleir bhon phrìomhaire.

Brexit

Ghabh Pàrlamaid na h-Eòrpa le mòr-chuid ri aonta malairt Bhrexit. Bha aonta ann, gu h-eadar-amail, bho dh'fhàg an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach aig toiseach na bliadhna.

Arlene Foster

Tha teagamh ann mu cheannas Arlene Foster air Pàrtaidh Dheamocratach an Aonaidh ann an Èirinn a Tuath agus mòran de na buill a' cur an ainm ri litir cion-earbsa. 'S e tuigse a' BhBC gu bheil mòr-chuid de bhuill an DUP ann an Stormont agus Westminster, mu 80% dhiubh, ag iarraidh ceannard ùr.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh air dà cheud mìle not a chosg air rathad ùr air iomall Phort Rìgh a dhèanadh ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagain agus Rathad an Taobh Shear. Tha a' Chomhairle ag ràdh gun dèanadh e fuasgladh air trioblaidean trafaig tro mheadhon a' bhaile agus gu fosgladh e fearann airson suas ri dà cheud gu leth dachaigh ùr. Chuireadh companadh leasachaidh nan taighean sin millean agus ceithir cheud mìle mot eile ri cosgais an rathaid. Tha plana ann cuideachd airson dà mhillean not a chosg a' leasachadh pàirt de rathad an A890 ann an Srath Charrann air Taobh Siar Rois agus faisg air Geàrrloch.