
Dh'òrdaich am britheamh aig an Àrd Chùirt an Dùn Èideann gun tèid Anndra MacIlleChiar a chur dhan phrìosan fhad 's a nithear làn-mheasaidhean sàbhailteachd.
Dh'fhaodadh gun tèid binn beatha sa phrìosan air fear a b' àbhaist a bhith san RAF 's a dh'aidich gun robh e ri an-iochdmhorachd an aghaidh chloinne.
Bhrosnaich Anndra MacIlleChiar, 36, boireannach gus ionnsaighean a thoirt iar leanabain òga ann an 2018, 's dh'fheuch e ri toirt air boireannach eile a leithid a dhèanamh.
Fhuaireadh cuideachd gun robh dealbhan drabasta de chloinn aige air innealan aig ionad RAF Inbhir Lòsaidh, agus ann an Cìopras.
Ciontach
Dh'aidich MacIlleChiar gun robh e ciontach de na casaidean aig Cùirt an t-Siorraim ann an Dùn Dè san Iuchar an-uiridh.
Tha e air a bhith saor air urras bhon uair sin 's a' chùis air a cur dhan Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann, aig a bheil cumhachdan nas motha.
Am prìosan
Diciadain ge-tà, dh'òrdaich am britheamh, am Morair Harrower, gun tèid a chur dhan phrìosan fhad 's a nithear làn-mheasaidhean sàbhailteachd - rud a dh'fhaodadh leantainn gu òrdugh gun tèid a chumail fo ghlais fad a bheatha.
Nuair a dh'iarr e an aithisg sin, thuirt am britheamh gun robh e den bheachd gun deach na cùmhnantan airson a leithid a choileanadh.
Chuir fear-lagha MhicIlleChiar, nach deach a dhìteadh roimhe, an aghaidh sin, ag ràdh nach robh leithid de dh'òrdugh freagarrach.
Ma roghnaicheas a' chùirt òrdugh smachdachaidh fad beatha a chur an sàs, thèid binn phrìosain a chur air MacIlleChiar, a dh'fheumas e a choileanadh aig a' char as lugha.