
Chaidh fear a bha na thidsear a shaoradh bho thrì chasaidean gun tug e ionnsaighean feiseil air sgoilearan a bha na chùram ann an Leòdhas eadar 2018 agus 2019.
Cha deach dhà de na casaidean a dhearbhadh agus fhuaireas an duine, a tha 62, neo-chiontach air an treas chasaid aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh.
Bha an duine, nach urrainnear ainmeachadh airson adhbharan laghail, fo chasaid gun thug e ionnsaighean feiseil air triùir sgoilearan a bha fo chùram ann an sgoil ann an Leòdhas ann an 2018 agus 2019.
Thàinig trì là de dh'fhianais agus argamaidean laghail gu crìch feasgar Diciadain leis an t-siorrraidh Gary MacLaomainn ag ràdh gun robh e airson tilleadh leis a' cho-dhùnadh sa mhadainn Diardaoin.
Chaidh a lorg gun robh an duine neo-chiontach de dh'aon chasaid agus bha an dà chasaid eile neo-dhearbhte.
Thuirt an siorraidh nach robh an fhianais a dh'feumadh a bhith ann airson dearbhadh gun robh miann feiseil san dà chùis nach robh air an dearbhadh ann, agus gun robh e gabhail ri beachd na sgioba dìon nach robh creideas san fhianais sa chùis eile.