
Tha Urras Nàiseanta na h-Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba na riaghailtean a th' ann a thaobh Sgìrean Glèidhte Mara (MPA) a neartachadh.
Ann am manifesto a dh'fhoillsich iad air thoiseach air taghadh Holyrood an ath-sheachdain, thuirt NTS gum faigheadh beatha-mara na h-Alba rùm airson faighinn air ais gu falainneachd nan deadh stiùireadh, dìon agus smachdachadh nas fheàrr a chur an sàs ann an Sgìrean Glèidhte Mara a th' ann mar thà.
Tha dragh orra, am measg rudan eile, nach eil casg air tràladh air grunnd na mara ach ann an 5% de Sgìrean Glèidhte Mara Bhreatainn.
"Rinn Alba gu math thuige seo a thaobh Sgìrean Glèidhte Mara a chomharrachadh, 's iad sin a-niste an sàs air mu 22% de mhuir na h-Alba," thuirt Ceannard Poileasaidh Phoblaich an Urrais, Diarmid Hearns.
Casg
"Tha sinn air dheireadh ge-tà, a thaobh mar a stiùirear na sgìrean seo, 's an uair sin peanasachadh agus smachdachadh.
"Chan eil an t-inbhe fhèin ach cho math 's a tha na riaghailtean gan cur an sàs.
"'S e sin na tha a dhìth oirnn, an ath-cheum a tha sin a ghabhail, far an cuir sinn stiùireadh èifeachdach an sàs.
"Faodaidh sin cleachdaidhean eaconomach a thoirt a-steach - ach feumaidh sin a bhith seasmhach.
"Mar nàisean, feumaidh sinn an ath-cheum sin a ghabhail.
"Tha lìonra nan Sgìrean Glèidhte Mara a' gabhail a-steach mòran diofar ghnèithean agus àrainnean.
"Bidh cuid aca sin ann an cunnart gu sònraichte bho dhreidseadh agus tràladh, 's tha fianais againn air sin a-niste air grunnd na mara.
"Aig a' cheart àm ge-tà, tha fianais againn, ma tha dìon air na sgìrean, gun tig nàdar air ais, gum faic thu ath-nuadhachadh.
"Tha sinn nar pàirt de chompàirteachas nas fharsainne air a bheil Open Seas, a th' air a stiùireadh gu ìre mhòir le coimhearsnachdan ionadail.
"'S e tè de na coimhearsnachdan sin, ceann a deas Eilein Arainn.
"Tha casg air togail èisg ann an Loch an Eilein, 's tha sin air a bhith ann bho 2008, agus is iongantach na th' air a bhith de dh'ath-nuadhachadh air grunnd na mara, a tha an uair sin a' fàgail gu bheil an t-iasg a' tighinn air ais.
"Tha gach taobh a' buannachadh mar sin, 's ma thèid againn air na h-àrainnean-àraich seo a chàradh, tha buannachdan mòra ann dhan a h-uile duine, gu sòisealta agus gu h-eaconomach."