Neach a dhìth an dèidh teine air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
DubhrasTùs an deilbh, Google

Cha deach lorg fhaighinn fhathast air neach a bha a' fuireach ann an taigh a chaidh na smàl ann an Dubhras faisg air Inbhir Nis oidhche Luain.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm chun an teine mu 10:30f.

Chaidh cur às dhan teine, ach rinneadh milleadh mòr structarail air an togalach, 's cha robh e sàbhailte do na smàladairean a dhol na bhroinn.

Thuirt Poileas Alba gu bheil dùil gun robh an neach a bha a' fuireach anns an taigh na bhroinn nuair a thòisich an teine.

Thuirt labhraiche às leth nam Poileas: "Chan eil sgeul aig an ìre seo air an neach a bha a fuireach leotha fhèin san taigh.

"Ach tha rannsachadh a rinneadh thuige seo a' sealltainn gur dòcha gun robh iad anns an taigh nuair a chaidh e na theine. Tha oifigearan a' cumail fiosrachaidh ri an teaghlach.

"Thèid rannsachadh a dhèanamh an co-bhann ri Seirbheis Smàlaidh is Teasairginn na h-Alba feuch dè dìreach a thachair."