Cothroman obrach aig Àranais

  • Air fhoillseachadh
Àranais

Tha a' chompanaidh a tha a-nis a' ruith gàrradh togail Àranais ann an Leòdhas air innse gu bheil iad an dùil cothrom a thoirt do dhaoine ciùird a thoirt a-mach leòtha aig na làraich aca uile.

Tha Harland and Wolff airson preantasan fhastadh san t-Sultain, le cothroman aig Àranais, Gàrradh Methil ann am Fìobha, agus aig na làraich aca ann an Devon agus Beul Feairt.

Fosglaidh an sgeama air an ath mhìos.

Tha dùil gum bi na daoine a bhios soirbheachail a' tòiseachadh anns an t-Sultain.

Ghabh Harland and Wolff gàrraidhean Àranais agus Methil thairis anns a' Ghearran an dèidh dhan chompnaidh leis an robh iad a dhol ann an rianachd.

Tha obair a' tilleadh thuca an dèidh dhan chompnaidh cùmhnant fhaighinn co-cheangailte ri tuath-ghaoithe anns a' Chuan a Tuath.