Naidheachdan 11:00m

Thadhail Am Prìomhaire Israelach, Benjamin Netanyahu, air làrach na fèis cràbhaidh Iùdhach far an deach còrr is 40 duine a mharbhadh an dèidh am pronnadh. Chaill feadhainn dhen t-sluagh an casan air staidhre cloiche, thuit feadhainn air am muin agus chaidh am mùchadh neo am pronnadh gu bàs. Tha corr is 100 duine eile anns an ospadal agus tha dragh ann gum bi àireamh a' bhàis ag èirigh.

Tha sgrùdadh a' rinn am BBC a' tomhas gu bheil 22 millean duine a' fuireach ann an sgìrean dhen Rìoghachd Aonaichte anns nach robh bàs idir le Covid air a' mhìos a chaidh seachad. Agus tha còrr is leth de sgìrean comhairle na h-Alba nach do chlàr fiùs aon bhàs leis an bhìoras sna ceithir seachdainean mu dheireadh.

Bàgh an Eige

Tha deichnear ann an cuarantain an dèidh do Chovid nochdadh am measg chriutha air bàta a tha an ceangal aig Bàgh an Eige air Taobh Sear Rois. Chaidh an toirt far a' bhàta, a tha a' frithealadh air gnìomhachas na h-ola, agus an cur gu cuarantain air tìr. Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil duine dhiubh a' fulang gu dona agus nach eil cunnart sam bith ann dhan choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Thuirt poilis ann an Kent, a tha a' rannsachadh murt tè a bha ag obair na h-oifigear taic sa choimearsnachd dha na poilis, gur e droch leòn mun cheann a thug bàs dhith. Chaidh corp Julia James, a bha 53, fhaighinn ann an coille faisg air Dover, Dimàirt. Tha na poilis dhen bheachd gur dòcha gur e cuideigin nach b' aithne dhith a thug ionnsaigh oirre.

Thuirt am Morair Ricketts, a bha na fhear-comhairleachaidh air tèarainteachd, gu bheil cunnart ann bho cheannaircich agus eucoirich an dèidh dha tighinn am follais gun robh àireamh fòn-làimhe Bhoris Johnson ri fhaotainn air-loidhne fad 15 bliadhna. Thuirt fear-labhairt do dh'Oifis na Dùthcha an-diugh gu bheil e a' cur iongnadh air-san gun do dh'innis luchd-naidheachd gu poblach gun robh àireamh fòn-làimhe a' Phriomhaire ri fhaicinn air-loidhne.

Tha luchd-iomairt air an rathad gu ionad niùclasach Faslane air a' Gheàrr Loch ann an Earra-Ghàidheal a dhùnadh. Tha na boireannaich, bho bhuidheann iomairt na h-àrainneachd, Extinction Rebellion, a' dùnadh na slighe an-dràsta dhan phrìomh gheata. Tha na poilis an lathair.