Teintean mòintich an Uibhist is Colla

  • Air fhoillseachadh
TeineTùs an deilbh, Jack Walker

B'fheudar do na h-ùghdarrasan an rathad eadar an Lùdag agus Cille Bhrìghde ann an Uibhist a Deas a dhùnadh feasgar Dihaoine, às dèidh teine mòintich.

Bha a h-uile einnsean-smàlaidh an Uibhist, sgioba bho stòras Uibhist agus daoine anns an sgìre fhèin an sàs ann a bhith a' faighinn smachd air.

Thàinig an teine fìor fhaisg air taighean ann an Taobh a' Chaolais.

Dh' fhosgail an rathad a-rithist timcheall air 9f.

Eilean Cholla

Aig a cheart àm, thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun tèid iad gu làrach teine a-rithist ann an Eilean Cholla, gus sgrùdadh a dhèanamh.

Bha luchd-smàlaidh air an Eilean, le taic bho chriuthaichean à Muile, a' strì gus an teine a mhùchadh gu 10:30f Dihaoine.

Tha seo a tighinn às dèidh rabhaidh gu bheil fìor chunnart ann gun tòisich teintean mòintich ri linn na sìde thioram.