
Ionad-bhòtaidh ann am Fàrr, faisg air Inbhir Nis, an dèidh cur an t-sneachda rè na h-oidhche
Thòisich an sluagh a' bhòtadh airson nam ball a bhios gan riochdachadh sa Phàrlamaid Albannaich ùir, agus na stèiseanan-bhòtaidh fosgailte bho 07:00m gu 10:00f Diardaoin.
Tha an àireamh as motha riamh de dhaoine mar-thà air bhòtadh - le còrr agus 1,000,000 air bhòtadh tron phost.
Cha bhi na bhòtaichean gan cunntadh tron oidhche às dèidh an taghaidh air sgàth riaghailtean Covid.
Tòisichidh an cunntadh madainn Dihaoine, le dùil ri buil na bhòta nàiseanta Disathairne.
Tha mar a bhòtas an sluagh ga mheas mar an taghadh as cudromaiche riamh a thaobh na tha an dàn don Rìoghachd Aonaichte leis gum faodadh buil na bhòta buaidh a thoirt air am bi dàrna reifreann ann air neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Ach bidh e cuideachd a' taghadh riochdairean na h-ath-Phàrlamaid Albannaich aig a bheil cumhachdan a thaobh slàinte, foghlaim agus cìs a' chosnaidh.
Buaidh Chovid air dòighean bhòtaidh
Tha am Pandemic a' fàgail gu bheil an dòigh sa bheil na h-ionadan-bhòtaidh gan ruith rudeigin eadar-dhealaichte - agus dùil gum bi aig bhòtairean ri còmhdhach-aghaidh a bhith orra agus stuth a chleachdadh airson an làmhan a ghlanadh nuair a ruigeas iad.
Tha Coimisean an Taghaidh cuideachd a' moladh gun toir iad leotha am peann neo am peansail fhèin airson crois a chur air a' phàipear bhòtaidh - ged a bhios peansailean glan rim faotainn.
Bithear a' cumail ri astarachadh sòisealta agus dh'fhaodadh gum bi siostam aon-slighe ann a rèir an stèisein-bhòtaidh.
Bidh e comasach do dhaoine sam bith a gheibh dearbhadh gu bheil Covid-19 orra neo a dh'fheumas iad fhèin a chumail fa leth cur a-steach airson agus gum bhòt duine eile air an son suas gu 5:00f air là an taghaidh.

Cha thòisichear a' cunntadh nam bhòtaichean gu madainn Dihaoine - gun dùil ri buil na bhòta nàiseanta gu Disathairne
Tha dà bhòt aig daoine - aonan airson ball na sgìre-pàrlamaid aca, agus tè airson na roinne sgìreil sa bheil iad.
Tha 73 buill nan roinnean-pàrlamaid air an taghadh a rèir cò a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean.
San taghadh sgìreil, bidh daoine a' bhòtadh airson pàrtaidh. Tha an àireamh bhall a bhios aig gach pàrtaidh a' tighinn a rèir na gheibh iad de bhòtaichean - a' toirt a-steach mar a thèid leotha sna roinnean-pàrlamaid anns gach sgìre - airson dèanamh cinnteach gu bheil an toradh deireannach nas co-rèiriche.
Tha ochd roinnean-sgìreil ann, le seachdnar BhPA an urra. Tha seo a' ciallachadh gu bheil ochdnar BhPA a' riochdachadh gach Albannaich - aonan aig ìre na roinne-pàrlamaid, agus càch ag obair às an leth aig ìre na roinne-sgìreil.
Tha taghaidhean eile gan cumail Diardaoin air feadh na Rìoghachd Aonaichte, Seanadh na Cuimrigh nam measg.
Tha seataichean gan taghadh airson 143 comhairlean ann an Sasainn agus 13 mèar, cho math ri fo-thaghadh airson roinn-phàrlamaid Hartlepool ann an Westminster.
Faodaidh mu 48m duine am Breatainn bhòtadh sna taghaidhean; chaidh mòran dhiubh a chur dheth an-uiridh air sgàth sgapadh a' Choròna-bhìorais.