
Bidh na mìltean dhaoine a' tadhal air Bodach an Stòir a h-uile bliadhna
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh innse, aig an ìre seo, cuin a bhios na taighean-beaga ùra aig pàirce-chàraichean an Stòirr san Eilean Sgitheanach fosgailte.
Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil a-nis cead aig luchd-turais tadhal air an eilean, agus dragh ann gun tèid sgudal agus salachar fhàgail, mar a thachair as t-samhradh seo chaidh ri linn dìth ghoireasan.
'S e Bodach an Stòirr aon de na làraichean turasachd as trainge air an eilean agus 's fhada bho bhathar a' gearain air dìth àiteachan paircidh agus goireasan eile do luchd-tadhail.

Tha dìth àiteachan paircidh air a bhith na dhuilgheadas aig an Stòr
Thathar a' tuigsinn gun robh còir aig na taighean-beaga ùra, a chosg £300,000, fosgladh an-uiridh ach nach deach uisge a-riamh a cheangal ris an togalach anns a bheil iad.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum bi an ath-sheachdain ann co-dhiù mus urrainn dhaibh innse a bheil ceann-là aca airson fosgladh nan taighean-beaga.
Tha aig daoine ri suas ri £7 a phàigheadh airson carbad a phairceadh aig an Stòrr, leis a' chìs sin a' dol gu Comhairle na Gàidhealtachd.