
Thuirt BPA taghte an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, gu bheil i gu mòr airson gun tig adhartas air suidheachadh an taigheadais air Ghàidhealtachd, 's i air a taghadh a-rithist a riochdachadh na sgìre ann an Holyrood.
Thuirt Ms Fhoirbeis, a tha cuideachd air a bhith na Rùnaire Ionmhais anns an riaghaltas mu dheireadh, gun iarradh i gun tigeadh pròiseactan cudromach bun-structair, leithid ospadal ùr anns a' Ghearasdan, gu buil.
"A' chiad rud, tha mi airson taing mhòr a thoirt do mhuinntir na sgìre agam airson an cuid taice," thuirt i.
"Is mòr leam a h-uile bhòt, agus tha mi air leth taingeil airson an earbsa a chuir muinntir an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach annam.
"Mar a thig sinn a-mach à pandemic Chovid, chan eil teagamh sam bith agam nach eil dùbhlain mu ar coinneimh a thaobh na h-eaconomaidh, a thaobh slàinte, agus foghlaim air Ghàidhealtachd, agus cumaidh mi orm ag obair gun sgìths às leth an luchd-taghaidh agam. Chaidh mòran a choileanadh, ach tha mòran fhathast ri dhèanamh.
"Tha cion taigheadais air prìs reusanta na thriobaid chumanta air feadh na sgìre-taghaidh agam, agus tha mi airson aire shònraichte a thoirt dha.
"Tha mi cuideachd airson agus gun tèid pròiseactan cudromach bun-structair air adhart cho luath 's a ghabhas.
"'S fhada o bha còir aig ospadal ùr a bhith an àite Ospadail a' Bhelford anns a' Ghearasdan, agus tha cruaidh-fheum air leasachadh air ceann-rathaid chunnartach Bhun Lòchaidh."
Bhuannaich Ceit Fhoirbeis an taghadh le mòr-chuid de 15,861.