Naidheachdan 11:00m
Fuasgladh Riaghailtean
Tha dùil ri dearbhadh an-diugh air togail riaghailtean Chovid dhan mhòr-chuid de dh'Alba bho Dhiluain seo tighinn. Tha cùisean a' bhìorais cho ìosal agus gum faodadh Riaghaltas na h-Alba gluasad gu Ìre 2, ach ann am Moireibh, far a bheil iad gu math os cionn na stairsich sin.
An Ruis
Tha clann am measg 11 duine air a' char as lugha a chaill am beatha an dèidh ionnsaigh ghunna aig sgoil ann am baile Kazan air taobh siar na Ruis. Tha e coltach gun do rinn dithis an ionnsaigh. Tha aithrisean ann gun deach aon fhear dhiubh a mharbhadh, agus gu bheil na Poilis a' ceasnachadh an fhir eile.
Òraid na Bànrighinn
Thuirt an Riaghaltas gur e ath-nuadhachadh an dèidh a' Phandemic a th' aig cridhe am planaichean a bhios ann an Òraid na Bànrighinn an-diugh. Tha na Làbaraich ag iarraidh mholaidhean mionaideach airson siostam cùraim shòisealta, a tha briste, thuirt iad, a chàradh.
Measaidhean Sgoile
Chaidh rabhadh do chloinn-sgoile nach fhaod iad a bhith a' roinn fiosrachaidh mu na measaidhean aca air na meadhanan sòisealta. Thuirt Ùghdarras Teisteanais na h-Alba gun tèid peanas air sgoilearan a bhriseas na riaghailtean. Chaidh, ri linn Chovid, measadh a chur an àite dheuchainnean àbhaisteach. Tha aithrisean ann cuideachd gu bheil clann a' fulang fo uallach na h-obrach, far am faodadh uimhir ri trì measaidhean a bhith aca anns an aon là.
An GMB
Dhiùlt an t-aonadh GMB àrdachadh 4% ann am pàigheadh am ballrachd san NHS agus ann an Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba. Tha an GMB a' riochdachadh còrr is 6,000 luchd-obrach air feadh seirbheis na slàinte ann an Alba. Tha an t-aonadh ag ràdh gu bheil iad airidh air 12% air a' char as lugha an dèidh bhliadhnaichean de chùmhnadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil còmhraidhean a' dol air adhart.
Ierusalem
Bha tuilleadh sabaid eadar feachdan Israelach agus mailisi Phailistinianach an dèidh làithean de dh'àimhreit ann an Ierusalem. Tha an dà thaobh air a bhith a' losgadh rocaidean air a chèile an-diugh eadar Ierusalem agus Gàsa.
NatWest
Reic Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte luach £1bn de na h-earrainnean aca ann am buidheann NatWest - Banca Rìoghail na h-Alba mar a bha - air an do rinn an Riaghaltas cobhair bho chionn 13 bliadhna le airgead poblach. Tha earrann an Riaghaltais anns a' bhuidhinn a' tuiteam gu 55% an dèidh 580,000,000 earrann a reic.