Covid a' sgapadh fhathast ann am Moireibh

  • Air fhoillseachadh
covid

Tha an àireamh chùisean dhen chorona-bhìoras sa sgìre còrr air dha uiread an ìre anns a h-uile sgìre eile de dh'Alba.

A-rèir an fhiosrachaidh làitheil Didomhnaich, bha naoi cùisean ùra ann am Moireibh, a' toirt an ìre airson seachd là gu beagan is 98 airson gach 100,000 duine.

Thathas a' feuchainn ri banachdaichean ron bhìoras a sgaoileadh nas luaithe do dhaoine ann am Moireibh, mar dhòigh air dèiligeadh ri mar a tha e a' sgaoileadh.

Agus thathas ag iarraidh air muinntir Mhoireibh deuchainnean covid fhaighinn, ged nach biodh comharran sam bith den ghalar orra.